Làmh a' Bhuachaille

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Alasdair MacLeòid agus màiri mhoireasdan.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Alasdair MacLeòid and màiri mhoireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Siud an làmh air an do shìn mi,
Làmh choibhneil mo ghaoil,
Làmh a' bhuachaill' nach faicear,
'S a bha faisg orm san t-saoghal.

'S iomadh cunnart on d' thàr mi
Le sàbhaladh caol,
O nach saoirte gu bràth mi,
Mur b' i 'n làmh bha leam.

Rinn do làmh, 's gun mi faicinn,
Fuireach faisg orm an gaol;
'S iomadh leòn a rinn nàmhaid,
Chuir na làimh ud ma sgaoil.

O! 'n làmh nach do thrèig mi
Ann an ceumanaibh doirbh,
'S nach do thionndaidh do chùl rium
Nuair a dhiùlt mi do thairgs'.

'S nach do gheàrr thu tur às mi
Nuair a las mi ort m'fhearg;
O làmh na fad-ghiùlan.
Bheir sinn cliù dhut gun cheilg.

Nuair rinn tinneas mo bhualadh,
'S dreach na h-uaigh' orm a' tàmh,
Bha mo chàirdean mun cuairt orm,
Làn truais agus bàidh.

Ach bha 'n làmh ud nach fac iad
Tighinn na b' fhaisg' orm na càch,
Tabhairt fionnarachd do m' ghruaidhean,
Agus fuasgladh bhon bhàs.

O!'n làmh a bha riamh leam,
'N tèid thu sìos leam don ghleann,
Nuair tha m'fheasgar a' ciaradh,
Agus sìorraidheachd teann?

'N tèid thu sìos ri mo thaice,
Anns a' ghleac nach bi fann,
Far an dealaich luchd-gaoil rium
O! chan fhaod iad dhol leam?

'S e do neart a bheir buaidh
Air bàs is uaigh do do chloinn;
O! na fàg mi gum faic mi
Solais laist' an taoibh thall!

Siab na deòir bho do shùilean
Cuir an crùn air do cheann
Cuir an trusgan sàr-ghrinn orm
'S cha bhi nàir' orm dol ann.

Sgeulachd an Òrain

Ged tha an laoidh seo gun urra, chaidh a clò-bhualadh ann an leabhar Dàin Spioradail le Aonghas Mac Ille Mhoire, deasaichte le Eachann MacDhùghaill. Chaidh a' leabhar fhoillseachadh le Alasdair MacLabhrainn is a Mhic, 268 Sràid Earra-ghaidheal, Glaschu sa bhliadhna 1946.

Tha an ro-ràdh ag ràdh mu Aonghas Mac Ille Mhoire:

"Bu duine e air an robh meas, chan ann a-mhàin am measg nam bràithrean an sgìre Bharabhais, ach anns a h-uile àite air feadh Leòdhais anns an robh eòlas air. Bidh na rannan seo againn mar chuimhneachan air an eildear chòir nach maireann, a bhios a-nis, tha sinn a' creidsinn, a' seinn 'Òran Mhaois agus an Uain'.

B' ann à Borgh air taobh siar Leòdhais a bha Aonghas Mac Ille Mhoire, Aonghas Mhurchaidh, agus bha e a' fuireach le bhean agus a theaghlach aig Àireamh 10 sa bhaile. B' e Am Prions a' far-ainm a bha air agus bha e na eildear ann am Borgh agus Barabhas.

Bha Mairi Anna, ogha a' bhàird a tha an-diugh a' fuireach san Rubha, ag innse gur e a màthair, Màiri Aonghais Mhurchaidh, a chur dàin Aonghais air falbh airson an clò-bualadh le Alasdair Mac Labhrainn ann an Glaschu, agus gun do chur i 'Làmh a' Bhuachaille' còmhla riutha chionns gu robh i a' smaoineachadh gun robh an laoidh cho math 's gum bu chòir dhith a bhith ann an clò.

Tha laoidh leis an aon ainm anns an leabhar Seinn an Duan Seo le Ruaraidh Dòmhnallach (Crùisgean, An Fhùirneis, Earra-Ghàidheal, 1990) ach tha na facail a leanas caran eadar-dhealaichte.

Siud an làmh air an seinn mi,
Làmh choibhneil mo ghaoil,
Làmh a' bhuachaill' nach faicear,
'S a bha faisg orm 's gach baogh 'l.

'S iomadh cunnart on d' thàr mi
Le sàbhaladh caol,
O nach saorte gu bràth mi,
Mur b' i 'n làmh bha rim thaobh.

Bha do làmh, 's gun mi faicinn,
Fuireach faisg orm an gaol;
'S iomadh lìon rinn an nàmhaid,
Chuir an làmh ud ma sgaoil.

Nuair rinn tinneas mo bhualadh,
'S dreach na h-uaigh' orm a' fàs,
Bha mo chàirdean mun cuairt orm,
Làn truais agus bàidh.

Ach bha 'n làmh ud nach faicear
Tighinn na b' fhaisg' orm na càch,
Ri toirt fionnarachd do mo ghruaidhean,
Agus fuasgladh on bhàs.

O a làmh a bha riamh leam,
'N tèid thu sìos leam don ghleann,
Nuair tha feasgar a' ciaradh,
Agus sìorraidheachd teann?

'N tèid thu sìos leam rim thaice,
Anns a' ghleac nach bi fann,
Far an dealaich luchd gaoil rium?
O, chan fhaod iad dhol leam.

Fhir a shiubhlas am farsaing,
Falbh air astar leat fhèin,
Iarr an làmh seo gud stiùireadh,
'S is coma dùthaich don tèid.

Seinneadairean / Performers

Alasdair MacLeòid

Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Scalpaigh na Hearadh ged a thàinig air an t-eilean fhàgail, an toiseach airson foghlam aig àrd ìre fhaighinn, agus an ...

Fiosrachadh air Alasdair MacLeòid / Learn more about Alasdair MacLeòid

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.