Là Inbhir Lòchaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Murchadh Caimbeul agus Seumas C. M. Caimbeul.

This is a song written by: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Murchadh Caimbeul and Seumas C. M. Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hì rim hò ro, hò ro leatha,
Hì rim hò ro, hò ro leatha,
Hì rim hò ro, hò ro leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill.

An cuala sibhse an tionndadh duineil
Thug an camp bha 'n Cille Chuimein?
'S fada chaidh ainm air an iomairt,
Thug iad às an naimhdean iomain.

Dhìrich mi moch madainn Dòmhnaich
Gu bràigh caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi 'n t-arm dol an òrdugh,
'S bha buaidh a' bhlàir le Clann Dòmhnaill.

Dìreadh a-mach glùn Chùil Eachaidh,
Dh'aithnich mi oirbh sùrd bhur tapaidh;
Ged bha mo dhùthaich na lasair,
'S èirig air a' chùis mar thachair.

Ged bhiodh iarlachd a' Bhràghad
An seachd bliadhna seo mar tha e,
Gun chur, gun chliathadh, gun àiteach,
'S math an riadh o bheil sinn pàighte.

Air do làimh-sa, Thighearna Labhair,
Ge mòr do bhòsd as do chlaidheamh,
'S iomadh òglach chinne d' athar
Tha 'n Inbhir Lòchaidh na laighe.

'S ioma fear gòrsaid is pillein,
Cho math 's a bha riamh dheth d' chinneadh,
Nach d' fhoad a bhotann thoirt tioram,
Ach foghlam snàmh air Bun Nimheis.

'S iomadh fear aid agus pice
Agus cuilbheire chaoil dhìrich
Bha 'n Inbhir Lòchaidh na shìneadh,
'S bha luaidh nam ban à Cinn-tìr' ann.

Sgeul a b' àite 'n uair a thigeadh,
Air Caimbeulaich nam beul sligneach,
H-uile dream dhiubh mur a thigeadh,
Le bualadh lann 'n ceann gam briseadh.

'N latha a shaoil iad a dhol leotha
'S ann bha laoich gan ruith air reothadh:
'S iomadh slaodanach mòr odhar,
A bheir aodann Ach' an Todhair.

Ge b' e dhìreadh Tom na h-Aire,
'S iomadh spòg ùr bh' air dhroch shailleadh,
Neul marbh air an suil gun anam
'N dèidh an sgiùrsadh le lannan.

Thug sibh toiteal teth ma Lochaidh,
Bhith gam bualadh mu na srònaibh,
Bu lìonmhor claidheamh claisghorm còmhnard,
Bha bualadh 'n lamhan Chlann Dòmhnaill.

Nuair chruinnich mòr dhragh na falachd,
'N àm rùsgadh na 'n greidlein tana,
Bha iongnan Dhuimhneach ri talamh,
An dèidh an lùithean a ghearradh.

'S lionmhor corp nochte gun aodach
Tha nan sìneadh air Chnoc an Fhraoiche
On bhlàr an greasta na saoidhean,
Gu ceann Leitir Blàr a' Chaorainn.

Dh' innsinn sgeul eile le fìrinn,
Cho math 's nì clèireach a sgrìobhadh,
Chaidh na laoich ud gu 'n dìcheall
'S chuir iad maoim air luchd am mì-rùin.

Iain Mhuideartaich nan seòl soilleir,
Sheòladh an cuan ri là doillear,
Ort cha d' fhuaireadh bristeadh coinne,
'S ait' leam Barra-breac fo d' chomas.

Cha b' e sud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do dh'Albainn,
Creachadh, losgadh, agus marbhadh,
'S leagadh leis Coileach Strath Bhalgaidh.

An t-eun dona chaill a cheutaidh,
An Sasunn, 'n Albainn, 's an Èirinn,
Ite e à cùrr na sgèithe:
Cha miste leam ged a ghèill e.

Alasdair nan a geurlann sgaiteach,
Gheall thu 'n dè a bhith cur às daibh,
Chuir thu 'n retreuta seach an caisteal,
Seòladh glè mhath air an leantainn.

Alasdair nan geurlann guineach.
Nam biodh agad àrmuinn Mhuile;
Thug thu air na dh'fhalbh dhiubh fuireach,
'S retreut air pràbar an duilisg.

Alasdair Mhic Cholla ghasda,
Làmh dheas a sgoltadh nan caisteal ;
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa,
'S ma dh'òl iad càil, gun chuir thu asd' e.

'M b' aithne dhuibhse 'n Goirtean Odhar?
'S math a bha e air a thodhar,
Chan innear chaorach no ghobhar
Ach fuil Dhuibhneach an dèidh reothadh.

Sgrios oirbh mas truagh leam bhur càramh,
'G èisteachd an-shocair bhur pàistean.
Caoidh a' phanail bh' anns an àraich,
Donnalaich bhàn Earra-ghàidheal.

Cuspair an Òrain - Blàr Inbhir Lòchaidh

Anns an t-òran 'Là Inbhir Lòchaidh' tha Iain Lom a' toirt cunntas air blàr a chunnaic e le shùilean fhèin air Didòmhnaich, an dara latha den Ghearran, 1645.

Bha Diùc Mhontròis a' strì air feadh Alba ann an adhbhar Rìgh Theàrlaich I aig an àm seo agus bha a shùil air fearann nan Caimbeulach, cinneadh nach robh air taobh an rìgh. Thug e ionnsaigh air Earra-Ghàidheal a thogail creiche 's chuir e seachad dà mhìos ann, tòrr dhan ùine ri greadhnachas.

Ach le Donnchadh Caimbeul à Achadh Breac air an ceann, bha na Caimbeulaich a' cruinneachadh, mu 3000 dhiubh, agus b' fheudar do Mhontròs gluasad ged nach robh aige ach arm de 1500 duine.

Choinnich an dà arm aig Inbhir Lòchaidh agus mar a tha Iain Lom ag ràdh, "Chaidh an latha le Cloinn Dòmhnaill."

Cha deach tròcair sam bith a nochdadh do na Caimbeulaich an dèidh a' bhatail, agus bha an cuirp air an sgaoileadh feadh mhìltean timcheall Loch Lòchaidh agus Loch Iall.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Òrain Iain Luim, deasaichte le Anna NicCoinnich, air fhoillseachadh leis An Scottish Academic Press airson The Scottish Gaelic Texts Society, Dun Èideann, 1964 agus 1973.

Seinneadairean / Performers

Seumas C. M. Caimbeul

Seumas C. M. Caimbeul

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...

Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul
Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Murchadh Caimbeul

Rugadh Murchadh Caimbeul air 18 Dùbhlachd, 1928, ann an Eilean Scalpaigh na Hearadh, an ceathramh mac bu shine den t-sianar mhac a bha aig Coinneach ...

Fiosrachadh air Murchadh Caimbeul / Learn more about Murchadh Caimbeul

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.