Ille Dhuinn On Dh'fhàg Thu Mise

Òran air a sgrìobhadh le: Anna NicÀidh agus air a sheinn le: Catrìona Garbutt, Mairead NicIllFhialain, Màiri NicAonghais, maol-dòmhnaich agus seumas macLetchie.

This is a song written by: Anna NicÀidh and sung by: Catrìona Garbutt, Mairead NicIllFhialain, Màiri NicAonghais, maol-dòmhnaich and seumas macLetchie.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'Ille dhuinn, on dh'fhàg thu mise,
'Ille dhuinn, on dh'fhàg thu mi,
'Ille dhuinn, on rinn thu m' fhàgail,
Soiridh slàn leat, ghràidh mo chridh'.

Còig bliadhn' deug a dh'aois a bha thu
A' chiad uair a dh'fhàg thu mi,
'S e mo chridhe-sa fhuair fhàsgadh,
'S neònach nach do dh'fhàs mi liath.

Gur muladach a rinn thu m' fhàgail,
Gur muladach a dh'fhàg thu mi,
Tha mi 'n-diugh am freasdal Màiri,
Dhan t-seachdnar a dh'àraich mi.

'S iomadh màthair tha fo smalan,
Agus leannan tha gu tinn,
Bhon latha sheòl am Metagama,
Leis na balaich às an tìr.

'S iomadh oidhche 's càch nan cadal,
Aig an teine 's mi leam fhìn,
Chluinninn fuaim do chois tigh'nn dhachaidh
'S bhiodh tu gabhail duanag ghrinn

Cha do chreid mi riamh an fhìrinn,
'S tu ga h-innse dhomh le cinnt',
Gus do shìn thu, ghaoil, do làmh dhomh,
"Seo, a mhàthair, beannachd leibh."

'S ann nam sheasamh aig an doras,
Bha mi coimhead às do dhèidh,
Seachad Ruaidheabhal nan gearrach,
Anns a' charbad aig Maclean.

Thug thu m' aire far a' chadail,
Ged rachainn dhan leabaidh sgìth,
Thug thu m' aire far mo chàirdean,
Thug far clann mo mhàthar fhìn.

Nuair a thèid mi chun a' chladaich,
Is a chì mi 'n Cuan an Iar,
Bàrr air tha cho geal ri faoileig,
Saoil a bheil mo ghaol-sa tinn.

Cha chluinn mi do ghuth, a Dhòmhnaill,
Beul nan òran bha leam binn,
Ach ag èisteachd eòin an adhair,
'S guil na h-eala air Loch Bì.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais
Mairead NicIllFhialain

Mairead NicIllFhialain

Rugadh Mairead NicIllFhialain anns a' Ghearastan air 3 Màrt, 1970, agus thogadh i air Eilean Seòna dom buineadh a h-athair, Iain. 'S e eilean beag, ...

Fiosrachadh air Mairead NicIllFhialain / Learn more about Mairead NicIllFhialain
Catrìona Garbutt

Catrìona Garbutt

Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean, 1935. Bha a pàrantan le chèile à Beinn ...

Fiosrachadh air Catrìona Garbutt / Learn more about Catrìona Garbutt

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.