Iasgach an Earbaill

Òran air a sgrìobhadh le: Murdani Ceanadach agus air a sheinn le: Murdani Ceanadach.

This is a song written by: Murdani Ceanadach and sung by: Murdani Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S gu duda dh'fhàg mise aig iasgach an earbaill?
Mi fasgadh na Cuileag an uchd Loch an Inbhir
Duda dh'fhàg mise aig iasgach an earbaill?

'Sann air oidhche na Sàbaid a bhòrdaich mi 'm bàt' seo
Ach fois dhomh no tàmh cha robh idir ri lorg dhomh.

'S ann air cùl an dà reug gu robh 'm bodach ag èigheach
"Nach leum thu gu tìr 's gu leig sinn air falbh i!"

'S a-mach man an t-solas gun d'fhuair sinn i dona
Bha breeze ann bhon ear-thuath dol a-null Loch an Inbhir.

'S tha bucas air bòrd innt' tro faod thu bhith còmhradh
Cha d'fhuair mi air eòlas, tha orders gun fhalbh air.

'S an àm dhuinn bhith 'g èirigh bidh Loddle ag èigheach
"Mur a dèan sibh rium èisteachd caillidh mi an dearg oir.”

'S bidh Kenny is Calum a' leughadh na nobhails
Na shìneadh air uilinn gum bi Seonaidh Tholastaidh.

'S nuair a thèid mi dhan leabaidh 's a steach fon a' phlaide
Cha bhi mi innt' fada gun tilg i air falbh mi.

'S gu faic sibh Calum Shandaidh a-mach as an Tiompan
A' togail na boulders moch agus anmoch.

Bidh balaich Bhail' Ailean 's iad thall man an t-Sagart
'S man a faigh iad an cuilean gun tog iad a' saoidhean.

Gu faic sibh Iain Angaidh a-staigh air a' loidhne
Tha timcheall na Maighdeann shuas mu th-òb Chalboist

'S tha bàta Mombasa a-nise tighinn dhachaidh
Le cruinn ùra gheala 's le sgioba nach fhalbh aist'

'S gum bi balaich a Beàrnaraigh a' mionnan gu làidir
Nuair fhuair iad an àrd i 's gu càil ac' ach cearban.

'S bha Puss 's e cho dàna e fhèin 's Dòmhnall na h-Àrda
Dol timcheall na Càbaig, chuir e màs dhan an t-salchair.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Mhurdani Mast agus a chuid òrain ri fhaighinn san leabhar The Voice of the Bard le Timothy Neat agus Iain Mac Aonghais, air fhoillseachadh le Canongate an Dùn Èideann an 1999.

Seinneadairean / Performers

Murdani Ceanadach

Rugadh Murdoch Daniel Ceanadach, Murdani Mast, ann an 1926 ann am Marabhaig an sgìre nan Loch, Leòdhas. Bha a dhithis phàrantan bho na Lochan agus ...

Fiosrachadh air Murdani Ceanadach / Learn more about Murdani Ceanadach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.