Hug Oireann Ò Ro Gur Toigh Leam Fhìn Thu

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige), còisir àrd-sgoil an òbain agus na millers.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige), còisir àrd-sgoil an òbain and na millers.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu,
'S toigh leam fhìn thu, 's tu leam as bòidhche,
Blas na meala air do phògan,
Bidh mi gad chaoidh on a rinn thu seòladh.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.

'S fhada, 's fhada, 's gur fhad air falbh thu,
Air long Rìgh Deòrs' le do chòta dearg ort;
'S tric mo shùilean air an fhairge
Feuch am faic mi fear do dhealbh-sa.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.

'S fhada, 's fhada, 's gur fhada muigh thu,
Gun fhios, a luaidh, nach e an cuan a shluig thu;
Gur e an gaol le chèile thug sinn
A dh'fhàg ad dhèidh mi cho deurach duilich.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.

Thuirt iad rium gu robh thu gòrach,
Gum biodh tu tric anns na taighean-òsta,
Nach robh stocainn 's nach robh bròg ort,
Is ciamar a dh'fhaodainn, a ghaoil, do phòsadh.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.

Ach 's truagh nach robh mi nam eun beag aotrom,
Mar an uiseag no mar an fhaoileag -
'S mi gu siùbhladh thar nan caoiltean
Gus an ruiginn far eil mo ghaol-sa.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.

Bha mi raoir ann am bruadar cadail
'S chunnaic mise thu air bruach mo leapa;
Nuair a dhùisg mi anns a' mhadainn
Muir mhòr nan tonn 's e gu trom cur eadrainn.
Hug oireann ò ro gur toigh leam fhìn thu.

Seinneadairean / Performers

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

'S ann à Gleann Ùige a tha Ailean Dòmhnallach agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh'aois. Fhuair ...

Fiosrachadh air Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige) / Learn more about Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.