Hug Ì Ho Rò, Hug O Ro Èile

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllFhinnein (Bàrd Inbhir Àsdal) agus air a sheinn le: Eachann MacCoinnich.

This is a song written by: Iain MacIllFhinnein (Bàrd Inbhir Àsdal) and sung by: Eachann MacCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hug ì ho rò, hug o ro èile
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Ma bhios mi buan don taobh tuath gun tèid mi.

Gur truagh nach mise bha 'n tìr mo chàirdean
An tìr bheil m' eòlas, tìr bhòidheach àlainn,
Tìr mhachrach bhiadhar, tìr fhialaidh fhàsmhor
Tha beannachd Dhia air gach nì tha fàs innt'.

Tha crodh is caoraich air raointean fàsail
Na laoigh 's na h-uain ruith mun cuairt ag aileis,
Tha iasg is sgadan gu tric gan tràladh
'S cearc-fhraoich is liath-chearc air sliabh sa Bhràighe.

Thoir beannachd bhuamsa don t-sluagh tha 'n Geàrrloch
Fir thapaidh uallach, fir uasal shàthmhor,
An car no 'n cruadal air cuan no blàran
Nuair nì iad gluasad bidh buaidh nam fàbhar.

Thoir beannachd dùbailte gu mo mhàthair
Is innis le dùrachd dhith mar a tha mi,
Tha 'n Tì tha riaghladh toirt biadh gach là dhomh
'S a ghàirdean siorraidh gam dhìon bhon nàmhaid.

Seinneadairean / Performers

Eachann MacCoinnich

Eachann MacCoinnich

Rugadh Eachann MacCoinnich, Eachann Thormoid Mhòir, air 11 Màrt, 1926, ann an Geàrrloch. Bhuineadh a mhàthair, Ceit Nic a' Phearsain do na h-Obanan, ann an ...

Fiosrachadh air Eachann MacCoinnich / Learn more about Eachann MacCoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.