Holiday na Caillich

Òran air a sgrìobhadh le: Coinneach MacLeòid (Red) agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

This is a song written by: Coinneach MacLeòid (Red) and sung by: Iain Dòmhnallach (Hoddan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thug mi cead dom chaillich dhol thairis air chuan
'S i 'n còmhnaidh a' gearan le cnatan 's le fuachd,
'S gun cumainn an dachaigh 's gach nì bh' air mun cuairt,
'S gun dèanainn dhi cruach de mhòine.

Ach 's mise tha duilich bho dhealaich rium Mòr;
Toirt biadh dha na cearcan is deoch dhan a' bhò,
Càradh mo leap 's cur an dachaigh air dòigh -
Tha mis' ann an ceò bho dh'fhàg i.

An àm èirigh sa mhadainn tha 'n dachaigh cho fuar;
Cha lèir dhomh a' chagailt 's na th' oirre de luath;
Poitean is praisean cho dubh ris a' ghual
'S gun duine bheir sguab air làr dhomh.

Bho dhoras gu doras le can' agus clobhd,
A' glanadh nan glasan - tha uibhir ac' ann,
Doras an tallain is doras an tranns'
'S tha dorsan os cionn na dhà sin.

Ach fhearaibh nam faiceadh sibh mise 's a' bhò,
Ise ri breabail 's a sinean nam dhòrn -
Am bainn' tha i frasadh, chan fhaigh mi ri òl,
Tha mo bhriogais 's mo bhrògan làn dheth.

Thuirt cailleach bheag bheannaicht' rium 'n-diugh anns a' bhùth,
"Cuimhnich air d' anam 's bidh lùbadh do ghlùin",
Is beag a bha dh'fhios aic' gun robh m' iosgaidean rùisgt'
Le cho tric 's tha mi sgùradh an làir orr'.

Ach nam biodh duine agams' a dh'ullaicheadh biadh
Chan fhairichinn cho fad' e ged bheireadh i mìos;
Thug mi ionnsaigh air lit' nach do dh'itheadh a-riamh -
Bha cnapan a lìonadh an spàin ann.

Nuair thig i air ais bidh rud agam ri inns':
Chan eil cupan air sgeul, chan eil sgian ach a trì;
Bhàsaich an coileach 's chaidh na cearcan a dhìth,
'S bhris a' phoit-tì bho dh'fhàg i.

Cha troid mi rim bhean ged a throideadh i rium -
'S ann an-diugh tha mi coimhead an cunnart a th' ann:
Far nach bi bean, cha bhi dachaigh no clann,
'S chan fhaic duine a call 's i làthair.

Ach nuair gheibh mi air ais i ged bhiodh i tinn
'S ged bheireadh i seachdain a' gearan a cinn,
Far am bi mis', ann an sin bidh mo mhnaoi
'S gun cùm i tron oidhche blàth mi.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Rugadh agus thogadh Iain 'Hoddan' Dòmhnallach (1925-2007) ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, mac le Aonghas 'Tonkan' Dòmhnallach agus Ealasaid Mhoireach à ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Hoddan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Hoddan)

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.