Ho Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: an teaghlach rankin agus Seasaidh Niven NicLachlainn.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: an teaghlach rankin and Seasaidh Niven NicLachlainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rò mo nighean donn bhòidheach,
Hi rì mo nighean donn bhòidheach,
Mo chaileag laghach bhòidheach,
Cha phòsainn ach thu.

A nighean dhonn nam blàth-shùil
Gur trom a thug mi gràdh dhut;
Tha d' ìomhaigh, ghaoil, is d' àilleachd
A ghnàth tighinn fom ùidh.

Cha cheil mi air an t-saoghal
Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort;
'S ged chaidh mi uat air faondradh
Cha chaochail mo rùn.

Nuair bha ann ad làthair
Bu shona bha mo làithean
A' sealbhachadh do mhànrain
Is àille do ghnùis.

Gnùis aoigheil, bhanail, mhalda,
Na h-òigh is caomha nàdar,
I suairce, ceanail, bàidheil,
Làn gràis agus mùirn.

Ach riamh on dh'fhàg mi d' fhianais
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe trom ga phianadh
Le iargain do ghnùis.

Ge lurach air a' chabhsair
Na mnathan òga Gallta,
A rìgh, gur beag mo gheall-s'
Air bhith sealltainn 'n an gnùis.

'S ann tha mo rùn 's na beanntaibh,
Far bheil mo rìbhinn ghreannar,
Mar ròs am fàsach shamraidh,
An gleann fad o shùil.

Ach nuair a thig an samhradh
Bheir mise sgrìob don ghleann ud,
'S gun tog mi leam don Ghalltachd
Gu h-annsail am flùr.

Seinneadairean / Performers

Seasaidh Niven NicLachlainn

B' i Seasaidh Niven NicLachlainn a' chiad ghuth Gàidhlig a chaidh riamh air clàr gramafon. Chuir i trì òrain air clàr ann an Glaschu air ...

Fiosrachadh air Seasaidh Niven NicLachlainn / Learn more about Seasaidh Niven NicLachlainn

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.