Ho Ro Hù O, Mo Nighean Donn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri agus Eòin Dòmhnallach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri agus Eòin Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rò hù ò mo nighean donn
Hao rì iù ò nighean donn bhòidheach
Ho rò hù ò mo nighean donn.

Fear eile mire ri m' leannan
'S mise teannachadh na ròpan.

Fear eile mire ri m' chuachag
'S mis' air bhàrr nan stuadh ri seòladh.

Fear eile mire ri m' nìonaig
Dh'fhàg mi fhìn an tìr Mhic Leòid.

Shaoilinn nach gabhadh tu buachaill'
Bhiodh snigh' air a ghruaidh an còmhnaidh.

Shaoilinn nach gabhadh tu cìobair
Fhad 's a bhithinn fhìn an tòir ort.

Shaoilinn nach gabhadh tu seann fhear
Fhad 's bhiodh geall aig gillean òg ort.

Shaoilinn nach gabhadh tu greusaich
Fhad's a dhèanainn fhìn do bhrògan.

Shaoilinn nach gabhadh tu tàilleir
Fhad 's a chàirinn fhìn do chòta.

Sgeulachd an Òrain

Tha an t-òran seo ri lorg anns a' chruinneachadh òrain a rinn Alasdair MacDhòmhnaill a rugadh an Gleann Moireasdan air 4 Sultain, 1860. Bha e do shliochd Alasdair Bhuidhe, aon de sheachd fir Ghlinn Moireasdan a rinn cobhair air Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blàr Chùil Lodair.

Bha e ag obair na neach cunntais ach bhuineadh e do dhaoine aig an robh mòran de sheann bheul aithris. Rud sam bith a chuala e fiù aon uair, tha a h-uile coltas gun cumadh e air chuimhne e. Dh'fhoillsich e cuid de na sgeulachdan agus na h-òrain a chuala e anns an leabhar Story and Song from Loch Ness Side (Inbhir Nis, 1914).

Ann am prògram a rinn e don BhBC mu chruinneachadh an Dòmhnallaich, thuirt an sgoilear an t-Urramach Uilleam MacMhathain:

"Ged tha mòran òrain an clò ann a' leabhraichean, feumar cuimhneachadh gur ann air an dealbh dhan bheul a sheinneas agus dhan chluais a dh'èisteas a tha mòran dhiù, agus a chionns gu bheil an dà thaobh sin orra nach bu choir an sgaradh o chèile, na briathran agus an ceòl.

Ach mu choinneamh na ficheadan a sgrìobhadh na briathran cha robh iad ach tearc a dhèanadh an aon rud dhan cheòl, agus tearc buileach a dhèanadh gu math e. Tha na mìltean sreath de bhàrdachd againn an clò ann a' leabhraichean ach gun lorg idir air a' cheòl a bha dol nan cois.

Ged nach eil aon phung ciùil as an leabhar bha ealain aig an Dòmhnallach air ceòl a sgrìobhadh agus tha mòran de sheann òrain Ghàidhlig maille lem fuinn am measg nam pàipearan a dh'fhàg e."

'S ann às na pàipearan sin a thàinig fonn an òrain seo. Chaidh leabhar eile le Alasdair Dòmhnallach air a bheil an tiotal Coinneach 'us Coille fhoillseachadh an 1895.

Chaochail e ann an 1928.

Seinneadairean / Performers

Màiri agus Eòin Dòmhnallach

Rugadh Eòin Dòmhnallach, Eòin Eachainn ann a' Hùnagladair, Cille Mhoire, ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich air 20 Dùbhlachd, ...

Fiosrachadh air Màiri agus Eòin Dòmhnallach / Learn more about Màiri agus Eòin Dòmhnallach

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.