Ho Rò Gun Togainn Air Hùgan Fhathast

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: còisir (Inbhich).

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: còisir (Inbhich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rò gun togainn air hùgan fhathast
Ho rò i ò, mun tèid mi laighe
Ho rò gun togainn air hùgan fhathast.

Togamaid fonn air luadhadh a' chlòthainn
Gabhaidh sinn ceòl is òrain mhatha.

B' fheàird an clò bhith chòir nan gruagach
Dhèanadh an luadhadh buan len làmhan.

Nuair a thionndas iad air clèith e
Chluinnte fuaim gach tè dhiubh labhairt.

Òrain ghrinne, bhinne, mhìlse,
Aig na rìbhinnean gan gabhail.

Luinneag ac' air luadhadh an aodaich,
Sunndach, saothrachail ri mathas.

Guma slàn a bhios na caoraich,
Air an d' fhàs an t-aodach flathail.

Beannachd air an làimh a shnìomh e,
'S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe.

'S ann a tha 'n toil-inntinn aodaich
Aig na daoin' a bhios ga chaitheamh.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.