Hiri Mo Chuilein

Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Dhùghlas agus air a sheinn le: còisir òg sir e scott.

This is a song written by: Catrìona Dhùghlas and sung by: còisir òg sir e scott.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hi rì mo chuilein, hò mo chuilein,
Hi rì mo chuilein 's e air chall;
Càite bheil e, càite an deach e?
O mo chreach, mo dhìth 's mo chall.

Dhìrich mi gu àirde Shnìosdail
'S theàrnaich mi ri bonn Creag Fheall,
Sheinn mi m' fheadag 's rinn mi fead ris,
Ach 's e Mac-talla a fhreagair thall!

Bheirinn mo bhrochan dhut gun òrdugh,
Bainne blàth is feòil is ìm,
O mo thruaighe ma tha thu acrach,
'S cràiteach mi, 's tu fuar gam dhìth!

Tha mi tuiteam na mo chadal,
'S mi ri faicinn aisling ghrinn,
Tha 'n cìobair feadaireachd sa mhadainn
'S ga fhreagairt tha mo chuilean fhìn.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.