Hè Ro Nighean

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Aonghas MacLeòid, Coinneach MacThòmais, Ellen Nic na Ceàrdaich agus Uilleam Dòmhnallach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Aonghas MacLeòid, Coinneach MacThòmais, Ellen Nic na Ceàrdaich and Uilleam Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hè ro nighean, hò rò nighean,
Hè ro nighean chinn duibh àlainn,
'S duilich leam gun tug iad bhuam thu,
'S càch a bhith gad luaidh gach là rium.

Chan eil nì a dhèanadh tèile
Nach cuireadh tu fhèin do làmh ris;
Nigheadh 's chàireadh tu mo lèine
Bhleoghnadh tu mo sprèidh air àirigh.

'S iomadh oidhche fad a' gheamhraidh,
Sneachda trom is cabhadh làir ann,
Ràinig mi thu le deagh dhùrachd
Ged tha an-diugh fear ùr nam àite.

Bha mi dìleas dhut mar leannan,
Bha mi fagas dhut mar bhràthair,
Ach a-nis on chuir thu bhuat mi
Dh'fhàg thu mi mar uan gun mhàthair.

Thug mi còrr is ràith den bhliadhna
'S mi gad iarraidh air do mhàthair;
'S on nach d' fhuair mi mar bu mhiann leam,
Thilg mi bhuam an lìon 's am bàta.

Seinneadairean / Performers

Aonghas MacLeòid

Aonghas MacLeòid

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...

Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòid
Uilleam Dòmhnallach

Uilleam Dòmhnallach

Rugadh Uilleam Dòmhnallach ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh air 19 Dùbhlachd, 1934. B' e athair Uilleam Uilleim Phàdraig à Drinisiadar na Hearadh ...

Fiosrachadh air Uilleam Dòmhnallach / Learn more about Uilleam Dòmhnallach

Ellen Nic na Ceàrdaich

Rugadh Ellen Nic na Ceàrdaich ann an 1965 agus thogadh i ann an Inbhir Ghrainnse, far an deach i do Bhun-sgoil Sacred Heart. An dèidh ...

Fiosrachadh air Ellen Nic na Ceàrdaich / Learn more about Ellen Nic na Ceàrdaich
Coinneach MacThòmais

Coinneach MacThòmais

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a ...

Fiosrachadh air Coinneach MacThòmais / Learn more about Coinneach MacThòmais

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.