Hè Na Brògan, Hò Na Brògan

Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacIllEathain (Calum Thao) agus air a sheinn le: Dòmhnall Norrie MacLeòid.

This is a song written by: Calum MacIllEathain (Calum Thao) and sung by: Dòmhnall Norrie MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hè na brògan, hò na brògan
Hè na brògan, bha iad saor
Hè na brògan, hò na brògan.

An cuala sibhse mu na brògan
Fhuair Dòmhnall air an tràigh
Bha tè ac' aig Port na Dùna
Tèile ac' thall aig Clach 'an Bhàin.

Thàinig iad a-steach mu Mhàisgear
Theich na bàtaichean gu luath
Chuir iad fios chun an Ùigeach
Gu robh U-boat a' dol mun cuairt.

Nuair a nochd iad ris a' Chruiser
Gu robh ùtrais air bòrd
H-uile fear aig action station
'S iad a' shelligeadh nam bròg.

Siud an rud a tholl na sàilean
'S dh'fhàg na gàmagan nan cùl
'S thuirt a' mate ri gunna starboard
Saoilidh mi gun bhuail thu stiùir.

Dh'fhalbh an Cruiser 's i na cabhaig
Airson survivers thoirt air bòrd
Nuair a ràinig iad an wreckage
Dè a bh' ac' ach paidhir bhròg.

Thàinig iad a-steach mu Chràgam
Theich na balaich 's iad ri snàmh
Dùil ac' gur e sgiath a' chearbain
Bh' ann an teanga na tè cheàrr.

'S cha tàinig a leithid riamh dhan àite
Bhon a' Bhutt gu ruig thu Ùig
'S e thuirt Dòmhnall 's e cho àraid
Sàbhailidh iad paidhir ùr.

Nuair a ràinig Dòmhnall dhachaigh
Le na brògan 's iad cho mòr
Dh'fheuch e tè a-steach bhon dreasair
'S cha deigheadh ann dhith ach an t-sròin.

Chaidh e leotha dhan an t-sabhal
'S gu robh othail air na bh' ann
Tè a' steigeadh ri gach ursainn
Dh'aindeoin brùthadh, cha deigheadh ann.

Smaoinich e an cuir gu Timpson
'S ghabh e feagal ron an charge
'S ann a dh'fheuchadh e fhèin orr'
'S chuir e brèid air an tè cheàrr.

Cha b' e minidh 's cha b' e sreangan
A bh' aig Dòmhnall ris a' cheàrd
Ach a uèir a bh' aig na balaich
Thug an solas dhan an àite.

Tha na brògan nis air dìobairt
Iad air sgaoileadh as gach àite
Sùil Dhòmhnaill air a' chladach
Ach a faigh e càil nan àite.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Norrie MacLeòid

Dòmhnall Norrie MacLeòid

Rugadh Dòmhnall Norrie MacLeòid ann an 1932, am mac a b' òige a bh' aig Dòmhnall Choinnich 'an 'ic Dhòmhnaill, bho 12 Tolastadh a' Chaolais, ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Norrie MacLeòid / Learn more about Dòmhnall Norrie MacLeòid

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.