Gura Muladach Sgìth Mi

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: shona nicDhòmhnaill agus Catrìona NicCharmaig.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: shona nicDhòmhnaill and Catrìona NicCharmaig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S gura muladach sgìth mi
'S mi leam fhìn san tìr aineoil,
Anns na h-Eileanan Diùrach
'S mòr mo dhùil ri dhol thairis,
Hai ò

Anns na h-Eileanan Diùrach
'S mòr mo dhùil ri dhol thairis,
'S mi gun phiuthar gun bhràthair
Gun mhàthair gun athair,
Hai ò

'S mi gun phiuthar, gun bhràthair,
Gun mhàthair, gun athair,
Gun duine dhem dhaoine
Ris am faod mi mo ghearain,
Hai ò

Chì mi bàta tron chaolas:
Tha mo ghaol-s' orra dh'fhearaibh.

Tha mo leannan ga stiùireadh,
Lùb ùr a' chùil chlannaich.

Lùb ùr a' chùil chùbhraidh,
'S toigh leam fhìn do chaol mhala,

Bu tu leannan na maighdinn
'S an oidhche ga mealladh,

'S a dh'iarraidh a pòigeadh
Eadar dheòin agus aindeoin,

Bu tu sealgair a' choilich
'S moiche ghoireas sa mhadainn

'S na circeige riabhaich
Dham bu bhiadh a' fraoch meangain,

'S na circeige duinneadh
Bheir a gur às an rointich.

'S na faighinn-sa m' òrdan
Bu leat mòran do dh'fhearann:

Bu leat Muil' agus Ìle,
Cinn Tìre agus Arainn

Hai ò, 's na hì aibh oho
Hill òhorò hò
Hai ò 's na hì aibh oho
Hi rì na hì rì rì dhiù a
Hill iù na hug hòireann oho
Èileabh òhorò hò.

Na facail bho Tocher 39 - le cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba.

Seinneadairean / Performers

Catrìona NicCharmaig

Anns an leabhar-latha aige dh'innis Calum MacIlleathain mar a chlàr e Am Bròn Binn an toiseach bho Chatrìona NicCharmaig air 20 Faoilleach, ...

Fiosrachadh air Catrìona NicCharmaig / Learn more about Catrìona NicCharmaig

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.