Gur Trom, Trom A Tha Mi

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catriona NicNèill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catriona NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Gur trom, trom a tha mi;
Gur trom a tha, 's chan aithne leam;
Gur truime 'n-diugh na 'n-dè mi
On tha cùl-dèigh mo leannain rium.
Gur trom, trom a tha mi.

Tha long mhòr a' seòladh
'S cha tig i chòir an fhearainn-sa;
Cha taobh i 'n t-eilean Diùrach
'S ann tha mo rùn-sa dh'fhearaibh innt'.

'S duilich leam gun d' ghluais thu
On bha ghaoth tuath cho bagarrach;
'S e tonn a rinn do bhualadh
Gur truagh leam gun do thachair e.

Tha ìslean agus uaislean
Air druim a' chuain gun charachadh;
Mo leannan fear chùil dualaich
Ga bhualadh ris na sgallaichean.

Ged chaidlinn-sa air cluasaig
Cha bhi mi uair gun charachadh;
Gad fhaicinn ann am bruadar
A luaidh, cho fad 's is maireann mi.

Ged chluinninn-sa ceòl fìdhleadh
Cha togadh dhìom an t-eallach seo;
Guth fidheall na guth clàrsaich
Mo chridhe blàth cha charaich iad.

Seinneadairean / Performers

Catriona NicNèill

'S ann às a' Ghleann, Barraigh, a bha Catriona Cecilia Nic Nèill, Catriona Iain Raghnaill, no mar a b'fheàrr a dh'aithnichte i, Cacile. B' e Nic Dhùghaill ...

Fiosrachadh air Catriona NicNèill / Learn more about Catriona NicNèill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.