Gur Moch Rinn Mi Dùsgadh

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLachlainn (An Lighiche) agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Anna Nic na Ceàrdaich, cairistìona nicDhùghaill, fiona chaimbeul, Lorna NicDhùghaill agus Ùisdean macAonghais.

This is a song written by: Iain MacLachlainn (An Lighiche) and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Anna Nic na Ceàrdaich, cairistìona nicDhùghaill, fiona chaimbeul, Lorna NicDhùghaill and Ùisdean macAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur moch rinn mi dùsgadh san ùr-mhadainn Chèit',
'S a dhìrich mi 'm bruthach gun duin' ach mi fhìn;
Tha ghrian air a turas a' siubhal tron speur,
Dealt na h-oidhche a' tùirlinn thar ùr dhos nan geug.

A' dìreadh an aonaich ri aodann a' chùirn
'S binn torman a' chaochain as aoigheil bùrn,
Le ròis air gach taobh dhith ag aomadh fon drùchd,
'S e ri deàrrsadh na grèine ag èirigh na smùid.

'S binn na h-eòin feadh nam preasan gu leadarra seinn;
Tha 'n uiseag làn sòlais ri ceòl os mo chionn:
Na ba-laoigh anns a' gheumnaich air an rèidhlean ud thall,
'S mac-talla nan creagan gam freagairt air ball,

'S àlainn trusgan a' ghlinne suas ri binnean nan stùc;
'S cùbhraidh boltrach nan luibhean nam chuinnein mar thùis;
Ged 's bòidheach gach doire anns a' choillidh 's a' bhrùchd,
Ged tha 'm barrach cho ùrail cha dùisg e mo shunnd.

An seo air faobhar a' mhullaich gur muladach mi -
Ceann-adhbhair mo thuiridh leam gur duilich ra innse;
Nach dìrich mi tuilleadh ri munadh san tìr -
Nach dèan mi cùis-ghàire 'n ghleann àillidh mo chridh'.

Bheir mi sùil thar a' bhealaich air na beanntan mun cuairt;
Seo an sealladh mu dheireadh air gach gleannan is bruaich;
A' fàgail leibh beannachd, 'n àm dealachadh uaibh,
A' teàrnadh an aonaich 's iad mo smuaintean tha truagh.

Ach is tìm dhomh bhith 'g èirigh 's bhith teàrnadh on àird
Cha dèan luinneagan feum dhomh, cha dèan èigheach dhomh stàth:
Feuch am bàta fo còmhdach aig còmhnard na tràgh,
Tha gam ghiùlan null thairis à gleannan an àigh.

Seinneadairean / Performers

Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Lorna NicDhùghaill

Rugadh Lorna NicDhùghaill ann an Grianaig ach thogadh i ann an Caol Loch Aillse far an robh a h-athair, an t-Urramach Iain MacDhùghaill, na mhinisteir ...

Fiosrachadh air Lorna NicDhùghaill / Learn more about Lorna NicDhùghaill
Anna Nic na Ceàrdaich

Anna Nic na Ceàrdaich

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do ...

Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na Ceàrdaich

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.