Gur E Mo Ghille Dubh Dhonn

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal agus air a sheinn le: Flòraidh NicNèill, jeanette c. nicDhòmhnaill agus Màiri NicGillEathain.

This is a song written by: Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal and sung by: Flòraidh NicNèill, jeanette c. nicDhòmhnaill and Màiri NicGillEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur e mo ghille dubh dhonn
Gur tu mo chuilean rùnach
Gur e mo ghille dubh dhonn.

'S ann a-raoir nach d'fhuair mi an cadal
Bha mi fad' nam dhùsgadh.

Smaointinn air an fhear a thrèig mi
'S nach d'rinn feum dha chùmhnant.

Chuala mi gun d'rinn thu pòsadh
Dhòmhnaill as an Iùbhraidh.

Och mo chreach mar tha mi a-nochd
Trom osnaich, 's mi gad ionndrainn.

Am fear a dh'fhalbh air bàt' an t-sìl
A tha mi fhìn ag ionndrainn.

Dol seachad Rubha nan Leac' Uaine
Dòmhnall Ruadh ga stiùireadh.

Dhòmhnaill Dhuinn ma rinn thu m' fhàgail
Fios mo chràidh gad ionnsaigh.

B'fheàrr leam eireachdas do phearsa
Na Sasann le ionntas.

B'fheàrr leam fhìn a bhith riut pòsda
Na cuid òir a' Phrionnsa.

'S fheàrr an t-olc a chleith na chlaisneachd
'S math leam fada null thu.

Sgeulachd an Òrain - Dòmhnall Ruadh Cheann Tangabhal

Seo an sgeulachd a dh'innis Seumas Ros nach maireann mun t-òran air prògram Gàidhlig a' BhBC air 13 Màrt, 1966.

Uair dha robh saoghal bha gille agus nighean a' fuireach an Ceann Tangabhal am Barraigh ris an canadh iad Dòmhnall Ruadh agus Catriona ni'n Aonghais. Bha iad a' dol a phòsadh agus rèitich iad.

Dè thachair eadar am pòsadh agus an rèiteach ach gu robh sgòth a' falbh à Ceann Tangabhal a dh'Èirinn a dh'iarraidh sìol, agus 's ann a dh'fhalbh Dòmhnall Ruadh còmhla riutha, a dh'Èirinn, a dh'iarraidh pige na bainnse.

Ràinig iad Èirinn slàn sàbhailte, àite ris an canadh iad An Iùbhraidh. Bha bàl mòr dannsa a' dol as a' bhaile seo, 's chaidh Dòmhnall Ruadh chun an dannsa mar dhuine 's mar dhithis a bh' ann.

Thachair e ri boireannach ann a' sin, tè bheartach a bha mòran na b' fheàrr dheth na bha e fhèin. Ghabh ise i fhèin tlachd de Dhòmhnall Ruadh. A rèir coltais b' e duine mòr brèagha a bh' ann. Mar a chanadh iad "leag i d'a bheul agus d'a shlighe" agus cha robh dol às aige.

Dhiochuimhnich e mu Chatriona bhochd agus phòs e a' bhean Èireannach.

'S ann à mulad Chatriona a thàinig an t-òran.

Bha e air a ràdh ann am Barraigh gun do shoirbhich pòsadh Dhòmhnaill leis, an toiseach, agus gu robh leanabh gille aca.

Ach mar a bha an cleachdadh a bh' aca as na h-Eileanan aig an àm a bha siud, bhiodh iad a' toirt na cloinne dhan leabaidh còmhla riutha air an oidhche. Bha Dòmhnall Ruadh airson seo a dhèanamh ach cha robh a bhean idir air a shon.

Oidhche de na h-oidhcheannan thug e an gille dhan leabaidh ge b'oil leatha, agus nuair a chunnaic ise gu robh e airson a thoil fhèin fhaotainn, thuirt i "Nach uabhasach mar a dh'èirich dha na daoine bochda fhèin! Na droch chleachdannan a bh' aca."

Cha do dh'èist Dòmhnall ris a' chòrr. Chuir e aodach air is thug e an dubh-leum as an leabaidh agus chan fhaca ise no duine eile air thalamh a dhubh no a dhath tuilleadh.

Tha iad a' cantainn gur e a' chogais a bha a' cur dragh air Dòmhnall Ruadh, a' fear nach robh dìleas do bhòid a rèitich.

Seinneadairean / Performers

Flòraidh NicNèill

Flòraidh NicNèill

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...

Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill

Màiri NicGillEathain

Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...

Fiosrachadh air Màiri NicGillEathain / Learn more about Màiri NicGillEathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.