Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan,
Gu talamh a' gheallaidh far nach fairich iad fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Sinn a' fàgail an tìr' seo oir cha chinnich dhuinn nì ann
Tha 'm buntàt' air dol dhìth ann 's cha chinn iad le fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Nuair a dh'fhàgas sinn an tìr seo cha chuir iad mòr mhàl oirnn
'S cha bhi an Fhèill Màrtainn cur nàire nar gruaidh.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Gheibh sinn crodh agus caoraich, gheibh sinn cruithneachd air raointean,
'S cha bhi e cho daor dhuinn ri fraoch an taobh tuath.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Nuair a thèid mi don mhonadh a-mach le mo ghunna
Cha bhi geamair no duine ga mo chur air an ruaig.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

'S cha bhi iad gar dùsgadh le clag Chinn a' Ghiùthsaich,
'S cha bhi e gu diùbhras ged nach dùisg sinn cho luath.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.
Gu talamh a' gheallaidh far nach fairich iad fuachd.
Guma slàn do na fearaibh thèid thairis a' chuan.

Seinneadairean / Performers

Seumas Grannd

Rugadh an t-Oll. Seumas Grannd, ann an ospadal Bhaile nan Granndach air 26 Dàmhair, 1950. Bha dachaigh athar, Uilleam Granndach, agus a mhàthar, Catriona Màiri ...

Fiosrachadh air Seumas Grannd / Learn more about Seumas Grannd
Carol Nic a' Bhreatannaich

Carol Nic a' Bhreatannaich

Rugadh agus thogadh Carol Nic a' Bhreatannaich ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Bha taobh aig a cuideachd ri Giogha mus do ghluais iad gu ...

Fiosrachadh air Carol Nic a' Bhreatannaich / Learn more about Carol Nic a' Bhreatannaich
Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

Seòras Clavey

Rugadh Seòras Clavey (1928-2003) ann an Dùn Èideann agus ghabh e ùidh ann an Gàidhlig nuair a bha e na bhall de Chòisir Ghàidhlig Phort Rìgh, nuair ...

Fiosrachadh air Seòras Clavey / Learn more about Seòras Clavey

Coinneach MacRath

Rugadh Coinneach MacRath ann am Pittsburgh, Pennsylvania, anns na Stàitean Aonaichte, sa bhliadhna 1890. Bha a phàrantan air a dhol tarsainn a' chuain goirid an ...

Fiosrachadh air Coinneach MacRath / Learn more about Coinneach MacRath

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.