Gruagach Mo Ghaoil

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh).

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Bheir mi hò rò bha hò
Bheir mi hò rò bha hì
Bheir mi hò rò bha hò
'S mi fo leòn ga do chaoidh.

'S beag mo shunnd sa cheart àm
Agus m' annsachd gam dhìth
Ann an dùthaich nan Gall
'S nach ann ann a tha mi.

'S bidh mi triall às gu luath
Thar Dhruim Uachdair a' fhraoich
Dol a dh'ionnsaigh 'n Taobh Tuath
Far am bheil gruagach mo ghaoil.

Tè tha snuadh mar an ròs
Air an òg mhadainn chiùin
Sgolb san fheòil bha thu dhòmhs'
Thug gu bròn mi 's gu caoidh.

Slios mar chanach air an lòn
Neo mar òg shneachd air beinn
Neo mar ubhal blas do phòig
B' e mo dheòin bhith riut sìnt'.

Ach nach innis thu dhomh, luaidh,
Dè thug fuachd air do ghaol?
Neo carson thug thu dhomh fuath?
Dè san d'fhuair thu mi clì?

Mas e m' fhortan tha air chall
'S mi bhith gann leat de nì,
Chuirinn gearran dhut an crann
Nuair thig àm cur an t-sìl.

Dhèanainn cur dhut agus buain
Chumadh suas thu gun dìth,
'S bheirinn às a' ghreabhal chruaidh
Dhut, a luaidh, teachd an tìr.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Rugadh Dòmhnall "Ruadh" Dòmhnallach ann an Inbhir Nis air 25 Sultain, 1922. B' e am fear bu shine den teaghlach aig Coinneamh Dòmhnallach agus Barabal NicGilleathain, le ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh) / Learn more about Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Ruadh)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.