Griogal Cridhe

Òran air a sgrìobhadh le: Mòr Chaimbeul agus air a sheinn le: donnchadh macIllEathain, alyth nicCharmaig, catrìona a. nicNimhein, còisir ghàidhlig bhaile mhàiri, Lorna NicCharmaig, Màiri Sandeman, sandra chamshron agus Seonag NicChoinnich.

This is a song written by: Mòr Chaimbeul and sung by: donnchadh macIllEathain, alyth nicCharmaig, catrìona a. nicNimhein, còisir ghàidhlig bhaile mhàiri, Lorna NicCharmaig, Màiri Sandeman, sandra chamshron and Seonag NicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hòbhan òbhan òbhan iri
Hòbhan iri bhà
Hòbhan òbhan òbhan iri
'S mòr mo mhulad fhìn.

'S iomadh oidhche fliuch is tioram,
Sìde nan seachd sian,
Fhuair MacGriogair dhomh-sa creagan
Anns a' faighinn dìon.

Griogal cridhe nam bas geala
Dhòrt iad t-fhuil air fèith;
Chuir iad do cheann air stoc daraich
Tacan beag bhuam fhèin.

'S truagh nach robh biodag nam athair
Diùc a tha na lùib
'S Griogal cridhe nan bas geala
Eadar mo dha làimh.

'S mòr gum b'fheàrr leam Griogal cridhe
'G iomain chruidh le gleann
Na mac Righ le shìod' air lobhtaidh
Cluasag gheal fo cheann.

Ged tha mi gun ulaidh agam
Ulaidh uil' aig càch
'S th' ann tha m' ulaidh 's cùbhraidh anail
'S cùl a chinn ri làr.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an rannsachadh aig Màrtainn MacGriogair air The Lament for Griogair Ruadh Macgregor of Glen Strae and its Historical Background ri fhaighinn san leabhar The Polar Twins, deasaichte le Edward J. Cowan agus Douglas Gifford, air fhoillseachadh le John Donald, Dùn Èideann, 2002.

Seinneadairean / Performers

Lorna NicCharmaig

Lorna NicCharmaig

'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a ...

Fiosrachadh air Lorna NicCharmaig / Learn more about Lorna NicCharmaig
Seonag NicChoinnich

Seonag NicChoinnich

Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...

Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnich

Màiri Sandeman

Rugadh agus thogadh Màiri Sandeman ann an Dùn Èideann. B' ann à Devon a bha a màthair, Màiri Trump, agus thàinig cuideachd a h-athar, Pat ...

Fiosrachadh air Màiri Sandeman / Learn more about Màiri Sandeman

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.