Grian na Fìreantachd

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola) agus air a sheinn le: Donnie Murdo MacLeòid.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bàrd Tighearna Chola) and sung by: Donnie Murdo MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair dh'èirich Grian na Fìreantachd
Le gathan dìleas blàth,
Bu mhòr a bha de dh' fheum oirre,
Bu deisneach cor gach àit'.
Na cinnich bha gun eòlas air
Iehòbhah 's a lagh àrd,
'S na h- Iùbhaich nam fèin-fhìreantachd
Bha sealltainn sìos air gràs.

'N uair dh'èirich i bha gàirdeachas
Air ainglibh àrda Dhè,
Gun tàinig pàirt gu talamh dhiù,
'S cliù caithreamach nam beul,
A dh'innse do na buachaillean
Bha cuairteachadh an treud,
Gu'n d' èirich i le slàint' innte
Do shluagh gach àit' fon speur.

'N uair dh'èireas Grian na Fìreantachd
Air peacach dìblidh suas
Gum faic e chiont 's a ghràinealachd
'S a thràillealachd 's a thruaigh.
Gum faic e mar a bha e
Dèanamh tàir air fuil an Uain,
Gun smaointinn air an t-sìorraidheachd
'S e dol gu prìosan buan.

Gum faic e gràdh an Fhìrein sin
A sheas cho dian na àit'
Fon chorraich sheirbh ro-dhòrainnich,
Dh'fhàg brònach e gu bàs.
Gum faic e luach na fala sin
Da anam cheannaich slàint',
'S a leigheiseas bho gach galair e
Tha 'm falach ann ga chnàmh.

Gum faic e neart a ghàirdein sin
A thug air Sàtan buaidh
'S a bhrist gach ceangal làidir
Bh' aig a bhàs air anns an uaigh,
Gum faic e glòir na gnùise
Air 'n do rinn na h-Iùbhaich tàir,
'S na làthair bidh sòlas cridh' aige,
Gum fàs e tinn le gràdh.

Gun cuir e cùl ri dìomhanas
'S thèid e gu dian air ghluas'd
Gu baile maiseach Shioin
Anns a bheil an Tì thug buaidh.
Ged gheibh e iomadh sàrachadh
San fhàsach thioraim chruaidh,
Chan iarr e bhi mar b'àbhaist dha
'S an Èiphit ghràineil thruaigh.

Le armachd dheàlraich fhìor-mhaith
Thèid e sìos don strì gu teann.
Le làimh chuir Ìosa 'n fhìreantachd
A bheir dha sìth, mu chom.
Tha 'n sgiath sin aige mhùchas
Saighdean teinnteach dlùth ar nàimh;
'S tha claidheamh geur an Spioraid
Gu neo-ghiorragach na làimh.

Fo dheàrrsadh Grian na Fìreantachd,
Sa chridh' bidh sìth a' fàs
Gun toir i reothadh millteach às
'S gun lìon i e le blàths.
Gum fuadaich i às aineolas
Is anshocair gu bràth.
'S gun deasaich i 's gach dòigh e
Airson glòir an tìr an àidh.

Gun èirich Grian na Fìreantachd
Air sluagh gach tìr fon speur,
Le slàint' aice na sgiathaibh,
'S mar laoigh bhiat' thèid iad gu leum.
Gum faic na cinnich fhiadhaich i,
'S gum miannaich iad a blàths;
Gum faic na Tuircich bhrùideil i,
'S na h-Iùbhaich dhall, 's gach àit.

Na neart bidh Grian na Fìreantachd
A' deàrrsadh 'n tìr na glòir,
Chan fhaicear aomadh teàrnaidh oirr'.
'S cha tig oirr' sgàil tro neòil.
'S an tìr sin cha bhi dorchadas
No fuachd no stoirm no ceò;
'S cha bhi aon neach fo èislean ann,
No sgìos no creuchd no bròn.

A Dhè tha iochdmhor, fàbharach,
Seall orms' ad ghràs bith-bhuan.
Do Spiorad dèan a dhòrtadh orm,
'S thoir beò mi às mo thruaigh'.
O feuch dhomh glòir na grèine sin
'M Betlèhem dh'èirich suas,
Is biodh a gathan gràsmhor
A tighinn orm gach là a-nuas.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Chan na laoidhean aig Bàrd Tighearna Chola fhoillseachadh anns an leabhar Dàin Spioradail le MacLachlainn agus Stiùbhart, Dùn Èideann, 1880.

Seinneadairean / Performers

Donnie Murdo MacLeòid

Donnie Murdo MacLeòid

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gàidhlig mar chiad chànan, rud nach robh cho àbhaisteach am measg a ...

Fiosrachadh air Donnie Murdo MacLeòid / Learn more about Donnie Murdo MacLeòid

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.