Gobhar an Deucoin

Òran air a sgrìobhadh le: Coinneach MacLeòid (Red) agus air a sheinn le: Murdigan Dòmhnallach.

This is a song written by: Coinneach MacLeòid (Red) and sung by: Murdigan Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear sleamhainn odhar,
Ach cha robh agam sabhal
Gus an gobhar a dhìon.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Nuair ràinig mi leis dhachaigh
Is e a thuirt a' bhean rium,
"Càit' an d' fhuair thu 'n tamhasg,
Amadain gun chiall?"
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Thuirt an t-Ùigeach a thug dhòmhs' e,
"Feuch gun gabh thu chùram;
Seo dhut cèis le chliù,
Ach fàg i dùint' son mìos."
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Chan eil fios air domhain
Gu dè mar thèid a bhleoghan,
Oir tha chom cho domhainn
Cha tèid fodha ach mìos.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

An oidhch' thug mi e dhachaigh
Dh'fhàg mi aig an tein' e,
An cat 's an cù na achlais,
Pailteas aig' de bhiadh.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Sa mhadainn 'n àm dhomh èirigh
Bha e air ith mo lèine,
'S bha gùn-oidhch' na tèile
Na bhrèidean aig' na bhèul.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

'S ann dhòmhsa bha e feumail
Nach robh 'm bail' air èirigh
'S mi muigh às mo lèine,
An tèile staigh gun stiall.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Thòisich i ri 'g èigheach,
"Mise pòst' aig deucon -
Ma thèid seo chun na Clèir
Bidh tu fhèin gun dreuchd".
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

'S mise fhuair am faochadh
Nach do chnàmh e 'n t-aodach:
Dh'fhàilnich air a dhìobhairt
'S chaochail e le pian.
Thug mi dhachaigh gobhar
De dh'fhear odhar liath.

Seinneadairean / Performers

Murdigan Dòmhnallach

Murdigan Dòmhnallach

Rugadh Murdigan Dòmhnallach air 15 An t-Ògmhios 1955 ann an Cnoc na h-Iolair ann am Pabail Iarach anns an Rubha a Leòdhas. 'S e as ...

Fiosrachadh air Murdigan Dòmhnallach / Learn more about Murdigan Dòmhnallach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.