Gleann Bhaile Chaoil

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Camshron agus air a sheinn le: Coinneach Ros, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, jeanette c. nicDhòmhnaill agus moira nicCholla.

This is a song written by: Iain Camshron and sung by: Coinneach Ros, Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, jeanette c. nicDhòmhnaill and moira nicCholla.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O nach robh mi thall sa ghleann a' fuireach,
O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil;
Nan robh mise thall sa ghleann a' fuireach
Chan fhàgainn e tuilleadh, gleann lurach mo ghaoil.

Sa mhadainn nuair dh'èirinn gun èislean, gun ghruaim,
'S e thug sòlas do m' inntinn bhith sealltainn riut suas;
Chan eil gleann eil' air Ghàidhealtachd bheir bàrr ort an snuadh;
Gur mis' tha fo chràdh-lot bhith 'n-dràst' cho fad uat.

Gleann farsaing, fìor mhonadh, dhìrinn e suas,
Gleann maiseach fìneagach 's mìorbhaileach tuar;
Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain';
Chan eil nì a rinn nàdar nach fàs air do bhruaich.

'S e mo mhiann is mo dhùrachd bhith dlùth dhut a ghnàth
'S a bhith cuallach na sprèidhe mach rid rèidhleanan àrd;
Iad a' mireag 's a' leumraich, iad fèin 's an cuid àil,
'S bu bhinn' leam an geumnaich na teudan nan clàr.

Nuair dh'èireas a' ghrian bu chiatach bhith ann,
'S i cho fial, flathail, coibhneil, a' boillsgeadh air chrann;
I dùsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig
Cur fàilte len ceòl air a mòrachd san speur.

Seinneadairean / Performers

Coinneach Ros

Coinneach Ros

Rugadh Coinneach Ros ann an Inbhir Nis, ann an 1942, ach bhuineadh a chuideachd gu lèir dhan Bhràighe, os cionn Inbhir Pheofharain, aig bonn Beinn ...

Fiosrachadh air Coinneach Ros / Learn more about Coinneach Ros

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.