Gillean Uibhist

Òran air a sgrìobhadh le: Calum Camshron agus air a sheinn le: coinneach macLeòid agus Eàirdsidh Grannd.

This is a song written by: Calum Camshron and sung by: coinneach macLeòid and Eàirdsidh Grannd.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Guma slàn leis na gillean, gillean Uibhist mo ghràidh,
An-diugh air an sgapadh feadh an t-saoghail 's gach àit',
Cuid san Èipheit 's na h-Innsean 's cuid an Afraga thall,
'S cuid sa Ghearmailt am prìosan 's cuid nach till dhiubh gu bràth.

Siud na gillean bha uasal 's a bha cruaidh anns a' bhlàr
Ged chaidh cuid dhiubh ghlacadh ann am batail son chàich;
Chaidh an nàmhaid mun cuairt dhaibh 's iad ga bhualadh gun tàmh,
Siud an nì a bha cruaidh leotha bhith toirt suas dha sa bhlàr.

Tha cuid dhiubh ri fairge ri aghaidh garbh chùis nan tonn,
Bidh iad daonnan fo eagal gun tèid sgread os an cionn,
Anns an iarmailt 's fon uisge chan eil fois dhaibh no tàmh
Gus an ruig iad an caladh sam bu mhiann leotha bhith tàmh.

'S iomadh athair is màthair air am fàgail fo bhròn
Iad gach latha agus oidhch' air bheag cadal no tàmh;
Ach ag ionndrainn nan gillean tha ri aghaidh a' bhlàir
'S e an guidhe 's an ùrnaigh bhith gan saoradh bhon nàmh'.

Ach 's e chuid dhiubh tha 'm prìosan tha air m' inntinn-s' an-dràst'
Dòmhnall Uilleam is Ruaraidh, Raghnall Ruadh is Iain Bàn,
Agus Tormod is Murchadh, Ailean, Seonaidh is Dòmhnall,
Raghnall Stiùbhart an truaghan, chaidh an cruaidh-chàs cho òg.

Tha cuid eil' anns an Air force anns na speuran a' falbh,
Cuid eil' anns an Nèibhidh, gillean treun agus calm';
'S e mo dhùrachd dhaibh uile, Nèibhidh, Air force is Arm,
Iad a thighinn às gach cruaidh-chàs leis a' bhuaidh air an nàmh.

'S mus dèan mi co-dhùnadh 's e mo dhùrachd don nàmh,
Do Hitler, do Ghoering, do Ghoebbels 's do chàch,
Iad bhith ceangailt' ann am prìosan gam pianadh gu bràth,
'S gillean Uibhist gan stialladh le slatan iarainn gu bàs.

Seinneadairean / Performers

Eàirdsidh Grannd

Eàirdsidh Grannd

Ged a rugadh Eàirdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gàidhlig mar chiad chànan. Bha e seachd bliadhna ...

Fiosrachadh air Eàirdsidh Grannd / Learn more about Eàirdsidh Grannd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.