Gille Mo Luaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Cairistìona Cheanadach agus mairead cheanadach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Cairistìona Cheanadach and mairead cheanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O seinnidh mi duan do ghille mo luaidh,
A thàinig mu chuairt an-dè;
Bu bhlàth leam a shùil is b' aoidheil a ghnùis,
Mo rùn e am measg nan ceud.

Ged tha thu 's an tìm glè fhada bhon tìr,
'S am b' àbhaist do shinnsear bhith tàmh;
Tha 'n Gaidheal nad chridhe, 's cha ghabh e cur sìos,
Le nì sam bith ach am bàs.

Gach lusan den fhraoch tha sgapte san t-saoghal,
Nuair ruigeas e taobh nam beann;
Tha smuaintean a chridh' a' tilleadh gun strì,
A dh'ionnsaidh na tìm a bh' ann.

Mo chead leat an-dràst', 0 'ille mo ghràidh,
Is till rinn gun dàil mu thuath;
'S gun cuir sinn ort fàilt' le furan is àigh,
'S le cridheachan blàth ga luaidh.

Seinneadairean / Performers

Cairistìona Cheanadach

Cairistìona Cheanadach

Thogadh Cairistìona Cheanadach ann an Orasaigh air na Lochan, Leòdhas. Chaidh i do Sgoil Leumrabhagh agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. ...

Fiosrachadh air Cairistìona Cheanadach / Learn more about Cairistìona Cheanadach

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.