Gaol nan Cruinneag

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Camshron agus air a sheinn le: Seumas C. Mac a' Phì.

This is a song written by: Iain Camshron and sung by: Seumas C. Mac a' Phì.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Èirich is cuir umad 's tiugainn leam,
Èirich is cuir umad 's tiugainn leam,
Èirich is cuir umad, gaol nan cruinneag,
Fàg taigh mòr nan uinneag 's tiugainn leam.

Nuair philleas rinn an samhradh 's a thig am blàths,
Bidh gach meas air meanglan 's gach lus a' fàs,
Falbhaidh mis' is m' annsachd bho thoit is smùid na Galltachd,
'S thèid sinn null gu h-annsail gu gleann an àigh.

Nuair bhios mi fo mhì-ghean is m' inntinn trom,
Mùirneag a' chùil rìomhaich 's i thogadh m' fhonn,
Guth mar cheòl na fìdhle 's a pòg mar bhlas nam fìon-dhearc,
'S truagh nach bu leam fhìn i, mo chruinneag dhonn.

'S cha bhi dìth an earrais ort an Tìr nam Beann;
Nì mi àiteach fearainn dhut le gearran 's crann;
Chan fhaic thu gruaim air m' aodann ach furan agus aoigh ann,
'S chan eil aighear saoghalta nach fhaigh thu ann.

Seinneadairean / Performers

Seumas C. Mac a' Phì

B' ann do Bhaile Chaolais a bhuineadh athair Sheumais 'Ic a' Phì, agus bha e ainmeil airson fhileantas sa Ghàidhlig. Bha màthair Sheumais à Èisteal ...

Fiosrachadh air Seumas C. Mac a' Phì / Learn more about Seumas C. Mac a' Phì

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.