Gaol nam Fear Dubh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig phort rìgh.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghàidhlig phort rìgh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Gaol nam fear dubh, grinn, grinn,
Luaidh nam fear dubh, grinn, gasta,
Gaol nam fear dubh, grinn, grinn.

Chunna mi air Fèill Phort Rìgh thu,
'S bàilleagan air mìle fear thu.

Èileadh ort de bhreacan uaine,
'S leams' as bòidhche bhi gad fhaicinn.

Tha thu measail aig do chàirdean,
Guala làidir 's fheàirrd iad ac' thu.

Bheil fios gu dè a chùm a-raoir thu
'S nach robh 'n oidhche fuar no frasach.

Shaoileam nach cumadh am muir làn thu
'S gun am mìle slàn san astar.

Chì mi 'n fhàrdach 'n-diugh gun cheò dhi,
'S leams is brònach bhi ga fhaicinn.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.