Gaol an t-Seòladair

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain agus air a sheinn le: lily nicIllEathain, Peigi Mhoireasdan agus Seinneadairean Dhùn Èideann.

This is a song written by: Iain MacIllEathain and sung by: lily nicIllEathain, Peigi Mhoireasdan and Seinneadairean Dhùn Èideann.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air feasgar samhraidh Sàbaid 's mi gabhail sràid leam fhèin,
Na smeòraich 's iad ri ceilearadh gu h-àrd air bhàrr nan geug;
Mi smaointean air an àrmunn as àill' tha fon a' ghrèin -
Gur truagh nach robh mi còmhla riut a' còmhradh treis linn fhèin.

Cha chìobair as na frìthean a dh'fhàg m' inntinn-sa fo bhròn,
Ach fear a' leadain bhàin a bhios a-ghnàth ris a' cheòl;
'S nuair a bhios na h-uaislean a' suidhe suas man bhòrd,
Bidh pìob nan dos dualach aig mo luaidh ga chuir air dòigh.

Gur lìonmhor màis ri àireamh air an àrmunn dh'fhàs gun mheang,
Dh'aithnichinn fhìn air fàir' thu a' teàrnadh leis a' ghleann;
Gu deas air ùrlar clàrach thu a' teàrnadh san taigh-dhanns',
Troigh shocair am bròig luaisgeanaich 's gach gruagach ort an geall.

Tha t'anail leam cho cùbhraidh ris na h-ùbhlan 's mi gam buain,
Do dheud mar an t-ìbhridh 's do shlios mar fhaoileig cuain;
Do ghruaidhean mar an caorann fo mhala chaol gun ghruaim,
'S thug mis' an gaol nach dìobair dhut gu sìnear mi san uaigh.

Thar leam gur mi bha gòrach nuair a thòisich mi ri dan;
Cha bhàrd a dhèanadh òran mi 's cha chòir dho mh dol na dhàil;
Tha nitheigin air m' inntinn-sa 's chan fhaod mi inns' do chàch
Gun tug mi gaol don t-seòladair air long nam mòr chrann àrd.

Ach innsidh mi an fhìrinn duibh mur bheil mo bharail faoin;
Tha gaol nam fear cho caochlaideach, 's e seòladh mar a' ghaoth;
Mar dhriùchd air madainn Chèitein, 's mar dhealt air bhàrr an fheòir,
Le teas na grèine èirigh e, 's cha lèir dhuinn e sna neòil.

Tha m' athair is mo mhàthair 's mo chàirdean rium an gruaim
'S gur tric iad rium ag ràdhtainn gu bràth cha tig ort buaidh;
Gun dìochuimhnich thu ghòraiche bho t' òige thog thu suas
'S thug mis' an gaol dhan t-seòladair tha 'n còmhnaidh air a' chuan.

Gur gòrach mi ghad chaoineadh 's nach caoineadh tu mi
Nach gòrach mi thug gaol dhut 's gu faod thu bhith gam dhìth
Ach ma 's e lughad mo stòrais a dh'fhàg do dheòin dham dhìth
Gur fheudar dhomh bhith beò ged nach pòsadh tu mi.

On fhuair mi do litir, a-nis gu bheil mi slàn
Is fàileadh cùbhraidh d' analach far pàipear tana, bàn
Saoilidh mis' an còmhnaidh leis an deòin bha ri mo ghràdh
Gu robh mi ghaoil gad èisteachd mus do leugh mi dhith ach pàirt.

'S mas nì e nach eil òrdaichte gun còmhlaich sinn gu bràth
Mo dhùrachd thu bhith fallain agus thu thighinn dhachaidh slàn
Ma bhrist thu nis na cùmhnantan, 's nach cuimhne leat mar bha
O guidheam rogha cèile dhut, 's do laighe is d' èirigh slàn.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha artaigil Fuadach nan Daoine às na Hearadh a sgrìobh Peigi ann an Gairm, Àireamh 98, Earrach 1977. Tha fiosrachadh mu Pheigi anns an iris aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 41.

Seinneadairean / Performers

Peigi Mhoireasdan

Peigi Mhoireasdan

B' i Peigi Mhoireasdan nighean le Uilleam 'Donn' Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas na Hearadh agus ...

Fiosrachadh air Peigi Mhoireasdan / Learn more about Peigi Mhoireasdan

Seinneadairean Dhùn Èideann

B' iad Seonag NicChoinnich, Evelyn Chaimbeul, Iona NicDhòmhnaill, agus Màiri Sandeman Seinneadairean Dhùn ...

Fiosrachadh air Seinneadairean Dhùn Èideann / Learn more about Seinneadairean Dhùn Èideann

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.