Gad Ionndrainn

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Caimbeul (Willie Teddy) agus air a sheinn le: Anna Mhoireach agus Mairead McLeman.

This is a song written by: Uilleam Caimbeul (Willie Teddy) and sung by: Anna Mhoireach and Mairead McLeman.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nach mise tha gu trom, glas chiabhag nam cheann
Tha mi brist' tha mi aonranach, brònach,
Oir tha màthair mo chloinn, bean mo ghaoil 's mo mhnaoi
Anns a' chladh air an Aoigh fo na fòidean.

Cha thuig duine gu bràth meud mo mhulaid 's mo chràidh
Tha mo chlann air an fhàgail gun mhàthair;
'S chan eil madainn no oidhch' nach bi mi ga caoidh
Air a son shil mi na deòirean gun nàire.

Tha an sgiath a bha blàth air a càradh sna clàir;
Bha do bhàs dhuinn mar dheireadh an t-saoghail
Oir tha 'n dachaigh bha blàth le gaol agus gràdh
Air a creachadh 's na bannan air sgaoileadh.

Cha tèid mionaid do bhàis às mo chuimhne gu bràth
Bha do chlann air do chùram nad èiginn;
Nuair dhùin mi do shùil gu robh bòidheachd do ghnùis
Mar an ròs fon an driùchd anns a' Chèitean.

Tha mi cinnteach, a luaidh, gu bheil thu 'm Pàrras ud shuas
Tha na dh'fhuiling thu nis air do chùlaibh,
'S gus an dùin mi mo shùil anns a' chadal nach dùisg
Gad ionndrainn bi mi is toirt cliù dhut.

Chaidh a' bhàrdachd seo fhoillseachadh ann an Sop às gach Seid 10, litir-naidheachd a dh'fhoillsich Comann Eachdraidh Chàrlabhaigh ann an 1989.

Seinneadairean / Performers

Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...

Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach
Mairead McLeman

Mairead McLeman

Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha ...

Fiosrachadh air Mairead McLeman / Learn more about Mairead McLeman

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.