Fulangas Chrìosd

Òran air a sgrìobhadh le: Dùghall Bochanan agus air a sheinn le: Seasaidh NicAoidh.

This is a song written by: Dùghall Bochanan and sung by: Seasaidh NicAoidh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e fulangas mo Slànaighear
A bhios mo dhàn a' luaidh,
Mòr-irioslachd an àrd-righ sin
Na bhreith 's na bhàs ro chruaidh;
'S e 'n t-iongantas bu mhìorbhailich
Chaidh innse riamh do shluagh,
An Dia bha ann o shìorraidheachd,
Bhi fàs 'na chìochran truagh.

'Nuair ghabht' am brionn na h-òighe e,
Le còmhnadh Spioraid Dhè,
A chùm an Nàdar Daonna sin,
A dhèanamh aon ris fèin;
Ghabh e sgàil mu Dhiadhaidheachd,
'S de 'n Bhriathar rinneadh feòil,
Is dh'fhoillsich an rùn dìomhair sin,
Am pearsa Chrìosd le glòir.

Rugadh 'n stàball dìblidh E,
Mar dhìlleachdan gun treòir,
Gun neach a dhèanadh càirdeas ris,
No bheireadh fàrdach dhò;
Gun mhuinntir bhi ga fhrithealadh,
No uidheam mar bu chòir,
Ach eich is daimh ga chuartachadh,
D' an dual gach uile ghlòir.

Mu'n gann bha fios gu'n d'thàinig E
Do dhùisg dha nàimhde mòr;
Is b'fheudar teich do'n Èiphit leis,
Roimh Herod bh' air a thòir;
Is è cho nàimhdeil dìoghaltach
Chum Ìosa chur gu bàs,
'S gun mharbhadh leis gach cìocharan
Na rìoghachd bha, gun dàil.

Bha tuill aig na sionnachaibh
Gum falachadh o theinn;
Bha nid aig na h-eunlaithe
An geugaibh àrd nan crann;
Ach Esan a rinn uile iad,
'S gach nì sa chruinne-chè
Bha E fèin na fhògarrach,
Gun chòmhnaidh aig fon ghrèin.

Am feadh 's a ghabh an Slànaighear
Mar ionad tàimh an saogh'l,
Mar lèigh ro iochdmhor fàbharach
Bha leigheas chlann nan daoin';
'N aon eucail riamh bu ghàbhaidh bh' ann,
'S gach galar cràiteach geur,
Do thionndaidh E chum slànachaidh
Nuair labhradh E o bheul.

Thug teanga do na balbhanaibh,
'S don bhacach mhall a lùth,
Don bhodhar thug E chlaistinneachd,
'S do dhaoine dall an iùl;
Na lobhair bhreun do ghlanadh leis,
Cur fallaineachd nam feòil,
'S leighis gach eucail anma E,
'S na mairbh do thug E beò.

Do shearmonaicheadh an soisgeul leis,
Do dhaoine bochda, truagh,
Is gheall E saorsa shìorraidh dhaibh
Bha 'n glais fo chìs ro chruaidh;
Na'n gabhte ris an fhìrinn leoth',
Le creideamh fìorglan beò,
'S gum biodh iad air an iompachadh
O ghnìomharraibh na feòl'.

Lean buidheann tur do'n fhàsach E,
Is dh'fhan trì làith' na chòir,
Còig mìle bha de dh'àireamh ann
Bh' air fàillneachadh chion lòin;
'N ro bheagan fhuair iad, bheannaich E,
'N dà iasg 's còig arain eòrn',
Is dh'ith iad gus na shàsaich' iad
Is dh'fhàg iad nì bu leòir.

Do chaisgeadh onfhadh chuantan leis,
'S an tonnan uaibhreach mòr,
A' ghaoth ro làidir, bhuaireasach,
Do chuartaich E na dhòrn;
Ach aithris air gach mìorbhaile,
Rinn Iosa ànns an fheòil,
Cha chumadh 'n saogh'l de sgrìobhannaibh,
Na dh'innseadh e gu leòir.

Ach nuair bha 'n t-àm a' dlùthach' ris
Gun siùbhladh E chum glòir,
Ghairm E thuige dheisciobuil,
Is dheasaich E dhaibh lòn:
Chuir E sìos nan suidhe iad,
'S gach uidheam air a' bhòrd;
Aran 's fìon do riaraich orr'
Bha ciallach' fhuil is fheòil.

Is thug E sin mar òrdugh dhaibh
Bhi 'n còmhnaidh ac' gu bràth,
A dh'fhoillseachadh mhòr-fhulangais,
A dh'fhuiling air an sgàth:
Gun itheadh is gun òladh iad
Do dh'fheartaibh mòr a ghràidh,
'S gum bitheadh e mar chuimhne aig
A mhuinntir air a bhàs.

Nuair thàinig chum a ghàrraidh E
Do bhi a chràdh ro mhòr,
Nuair fhuair E 'n cupan feirge sin,
Bha oillteil searbh r'a òl;
Air ghoil bha chuisle craobhach-san
Tre chorp ro naomh ga fhàsg',
Na fhallas fola braonadh mach
Tre aodach air an làr.

'N sin thuit E air a ghlùinibh sìos
A' dèanamh ùrnaigh ghèir;
"O Athair chaoimh ma's comas e,
An deoch seo cuir uam fèin;
Ach seo a' chrìoch mun d'thainig mi
Gu'n sàbhalainn mo threud,
Mar sin nì iarram fàbhar, ach
Do thoil gu bràth bhi dèant'".

B' e sud an cupan uamhannach,
A fhuair E ann a làimh;
Peacadh 'n t-saogh'l ga chuartachadh
'S gach duais a bhuineadh dhà;
Na dh'fhuil'geadh 'n saoghal gu sìorraidheachd
De phiantaibh is de chràdh,
Chaidh siud a leigeadh còmhla air,
'S an deoch ud dh'òl nan àit'.

B' e 'n diabh'l a shealbhaich Iùdas sin,
Le chridhe dùbailt' fiar,
An cealgair sanntach, lùbach ud,
A chuir du-chùl ri Dia;
An troiteir reic e Shlànaighear,
'S a mhaighstir gràdhach fèin,
Is bhrath da nàimhde bàsmhor E,
Fo chàirdeas pòg a bhèil.

An sin do rinn iad prìosanach
De dh'Ìosa gun chionfàth,
Is thug iad dh'ionnsaidh Phìleat E,
Gun dìteadh e chum bàis:
Is dhìt am breitheamh eucorach
Le fianais bhrèig an Tì,
Bha chogais fèin ag innse dha
Bhi dìth-chiontach is fìor.

Do cheangail agus sgiùrs iad E
Le buillibh drùiteach geur,
An fheòil on chnàimh do rùisgeadh leoth'
Na meallaibh brùit' gu lèir;
A chorp ro naomh' do mhilleadh leoth'
'S a chreuchda sileadh sìos;
An fhuil len ceannaicht' an saoghal seo
Gun sgoinn bhi dhì no prìs.

Do rinneadh crùn den sgitheach leoth',
Is dh'fhigh iad e gun teann,
Chur tuille pèin is nàire air,
Do spàrr iad è mu cheann;
Na cheann a-steach do bhuaileadh leoth'
Na biora cruaidh ro gheur,
Is aghaidh ghlòrmhor dh'fhalaich iad
Len sile salach, breun.

Nuair chuir iad an crùn nàrach air,
Ro chràiteach goirt do bhi,
Do sgeadaich iad le sgàrlaid E
'S chuir colbh na làimh mar Rìgh;
Is labhair iad gu sgallaiseach
A' fanaid air an Tì -
"Failte, Rìgh nan Iùdhach, dhut,
Le 'n glùn ga chromadh sìos."

Lem fòirneart mhòr do dh'èignich E
Chrann-ceusaidh thogail suas,
Ach ge bu chruaidh siud b'fheudar e
Bhi gèilleadh dhaibh san uair:
A chuisle chaomh a' traoghadh às
'S a neart ga fhàsgadh uaith',
A' dìreadh 'n t-slèibh ga shàrach', gus
An d'fhàilnich E fon chuail.

Sìos air an leabaidh dhòrainnich,
Le dheòin do laigh E fèin;
Rùisgt' air a chrann do shìneadh E,
'S gach alt dheth spìon' o chèil';
A chorp ro naomha beannaichte,
Do cheangail iad gun teann,
Le tàirnibh 's òrd gan sparradh siud,
Gu daingeann ris a' chrann.

An crann an sin do dhìrich iad,
Is Ìosa thog air suas,
Is air na tàirnibh chrochadh E,
Le dochann tha do-luaidh;
A chudthrom fèin a' reubadh às
Gach creuchd na chois 's na làimh,
Is fhuil ro phrìseil naomha-san
Ga taomadh sìos gu làr.

Ge bu mhaslach cràiteach leis
Am bàs a dheilbheadh leoth';
Aon ghearan riamh cha d' thàinig uaith'
An aghaidh nàimhde mòr;
Ach 's ann a ghabh E leisgeul-san,
Gan teasairginn gu fìor;
"O Athair thoir dhaibh maitheanas
Ta 'ad aineolach nan gnìomh."

Chaidh dibh-fhearg Dhè a thaomadh air
Gach uile thaobh mun cuairt,
Bha gnùis a ghràidh air fhalach air
Is thionndaidh' solais uaith';
Is dh'èigh E fo no piantan sin,
"Mo Dhia! Mo Dhia! Na trèig!
Na ceil do ghnùis ro fhàbharach,
'S na fàg mi ann am fheum.“

Na 'n rachadh an trom-dhioghaltas
Do ghiùlain Ìos' e fèin,
A leagadh air a' chinne-dhaonna sin
'S na h-ainglean naomh le chèil',
Do chasgradh ann a' mòmaint bhig,
Na slòigh ud leis gu lèir:
An bràon bu lugh' d'a fhulangas
Loisgeadh e 'n cruinne-cè.

Is dh' òrdaich Dia nan sluagh an sin,
Iad teachd mun cuairt don t-sliabh.
Gach uile nàdar reusanta,
Do rinn E fèin o chian;
'S gum faicte ghaol d' a chreutairibh
'S do bheusaibh pheacaidh fhuath,
Anns an fheirg a thaomaich E
Air Mac a ghaoil san uair.

'S e seo bu chainnt d'a fhulangas,
"Nis tuigibh uile shluagh,
Nàdar sgreitidh pheacaidh ud,
'S am dhòrainn faicibh dhuais;
Is nàdar teann a' cheartais sin
A ghlac mi as leth chàich;
Nach maith dhomh bonn dam fiachan-san,
'S nach dìol mi ach le m' bhàs."

Bha 'm bàs ud mallaicht', piantachail,
Ro ghuineach, dìoltach dòigh,
Ro chràiteach, nàrach, fadalach,
'S e teachd neo-ghrad 'na chòir;
Bu nì ro oillteil uamhasach,
Seachd uair' bhi 'n crochadh beò
Air fèith' a chuirp gan spìonadh às,
Cò dh'fheudas inns' a leòn?

Bha brìgh a chuirp air tiormachadh
An àmhuinn feirge Dhè:
'S a chridhe càirdeil fìrinneach
A' leaghadh sìos mar chèir;
A theanga lean ra ghialaibh-san
Bha riamh am pàirt a shluaigh;
Is fòirneart nan geur-phiantan sin,
A' snìomhadh anama uaith.

A fhradharc glan do dh'fhàilnich air,
'S mar ghlainne dh'fhàs a shùil;
Bha fèith' a chridh' a' bristeadh aig,
'S a bhràghad clisgeadh dlùth;
A ghnùis a b' àillidh snuadh is dreach,
Air tionndadh uaine lì -
Air leam gu faic mi 'n ealghris air
Cur a chath sheirbh gu crìch.

Air leum gu faic mi chreuchda-san,
Mar a reub le tàirnean fhèoil;
An fhuil fàs dubh a' ragadh ump';
Sìor lagach' air a threòir;
Dreach a bhàis a' tional uim';
'S E dealachadh r'a sgiamh;
Ar leam gun cluinn mi 'g osnaich E;
'S a' phlosgail bha 'na chliabh.

Fa dheireadh labhair Ìosa riuth',
"Tha mi an ìota mhòir."
Ghabh domblas agus fìon geur iad
'S deoch shìn iad dha r' a h-òl,
'N sin thubhairt, "Tha e crìochnaichte
Gach nì ghabh mi os làimh."
'S le sgairteachd gheur do ghlaodh E mach
Is chlaon E cheann gu bàs.

B' e siud an glaodh bha cruadalach,
Do chual e 'n cruinne-cè;
Gach creag air talamh sgealbadh leis,
'S na mairbh ghrad chlisg gu lèir:
Do thionndaidh ghrian gu dorchadas,
Is chaochail colg gach nì,
Bha chruitheachd mar gum bàs'cheadh i,
'S i tarrainn chum a crìch.

Na flaitheas bha riamh sòlasach
'S na slòigh bha subhach shuas,
San àm sin rinneadh brònach iad,
'S an ceòl do leig iad uath';
Ri faicinn dhaibh an Ùghdair ac'
San ùir ga leagadh sìos,
Am bàs a bhi ga cheangal-san
Thug anam do gach nì.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Buchanan, The Sacred Bard of the Scottish Highlands, deasaichte le L. Macbean, air fhoillseachadh le Simkin, Marshall and Hamilton, 1919.

Dàin Spioradail le Dùghall Bochanan air fhoillseachadh le A. MacLabhruinn, Glaschu, 1946.

Seinneadairean / Performers

Seasaidh NicAoidh

Seasaidh NicAoidh

Rugadh Seasaidh NicAoidh ann an Circebost ann am Beàrnaraigh Leòdhais, an treas duine dhan teaghlach aig Ciorstaidh Màiri agus Coinneach MacAmhlaigh. B' e teaghlach air ...

Fiosrachadh air Seasaidh NicAoidh / Learn more about Seasaidh NicAoidh

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.