Fuadach nan Gàidheal

Òran air a sgrìobhadh le: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

This is a song written by: Eanraig MacIlleBhàin (Fionn) and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur mise tha tùrsach a' caoidh còr na dùthcha,
'S nan seann daoine cùiseil bha cliùiteach is treun;
Rinn uachdarain am fuadach gu fada null thar chuantan,
Am fearann chaidh thoirt uapa 's thoirt suas do na fèidh.

'S e siud a' chulaidh nàire bhith faicinn dhaoine làidir,
Gam fuadach thar sàile mar bharrlach gun fheum,
'S am fonn a bha àlainn chaidh chur fo chaoraich bhàna,
Tha feanntagach sa ghàradh 's an làrach fo fheur.

Far an robh mòran dhaoine lem mnathan is len teaghlaich,
Chan eil ach caoraich mhaola ri fhaotainn nan àite,
Chan fhaicear air a' bhuaile a' bhanarach le buaraich,
No idir an crodh guaillfhionn 's am buachaille bàn.

Tha 'n uiseag anns na speuran a' seinn a luinneig ghleusta,
'S gun neach ann ga h-èisteachd nuair dh'èireas i àrd;
Cha till, cha till na daoine bha cridheil agus aoigheil
Mar mholl air latha gaoithe chaidh an sgaoileadh gu bràth.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.