Frìth nan Damh Ruadha

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Friseal agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus dòmhnall a. macFhionghain.

This is a song written by: Dòmhnall Friseal and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu and dòmhnall a. macFhionghain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air mo hiùraibh a gheallaidh tha mi 'n dùil ri dhol thairis
Gu tìr a chruidh-bhainne san fheòir,
Gu frith nan damh ruadha 's nan aighean gun bhuachaill'
Far an tric thug mi ruaig air an tòir.

Cha b' e iasgach na h-aibhne air ìosal nan srathan
An nì sin a chleachd mi 's mi òg,
Ach bhith dìreadh nan stuc le mo ghunna nach diùltadh
Far an goir an t-eun fionn anns a' cheò.

'S a Mhòrag nigh'n Fhionnlaigh 's beag an t-ìongnadh dhomh d' ionndrainn
'S tric a dh'fhalbh mi leat sunndach gu leòr,
'S a rinn thu dhomh 'n t-eallach gu moch thrath sa mhadainn
'S b' e 'n t' àm dhomh bhith cadal tràth-nòin.

Ged thigeadh an gaillean le sian agus frasan
Gheibhinn dìon agus fasgadh gu leòr,
Ann an uaimhe gan loinneil ann am fàsach is doire
Far an tric chuir mi ruaig air fear cròic.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.