Fòghnan na h-Alba

Òran air a sgrìobhadh le: Eòghann MacColla (Bàrd Loch Fìne) agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig charadail agus còisir àrd-sgoil mhicNeacail.

This is a song written by: Eòghann MacColla (Bàrd Loch Fìne) and sung by: còisir ghàidhlig charadail and còisir àrd-sgoil mhicNeacail.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'S e Fòghnan na h-Alba lus ainmeil nam buadh,
Lus grinn nan dos calgach thug dearbh air bhith cruaidh;
Seann suaicheantas morail tìr bhòidheach mo luaidh,
'S tric dh'fhadaich a dheagh-chliù tein' aoibhinn nam ghruaidh.

Lus deas nam meur cròcach nach leònar le stoirm;
Ged 's ionann teachd geàrr air 's laoch dàna fo airm,
'S leis clòimh tha cho maoth-gheal ri faoileig na tràigh,
'S bàrr-ghùcag cho ciùin-ghorm ri sùilean mo ghràidh.

Mo dhùthaich, chan iongnadh mòr chliù air thighinn bhuait
'S a liuthad buaidh-làraich 's deagh ghnàth tha ris fuaight';
An cian is le Albainn luchd-seanchais no bàird
Bidh meas air an dealbh anns gach gorm-bhonaid àird.

Sluagh borb, le droch rùn da, 's tric bhrùchd air a-nuas,
'S tric bhrùchd, ach gun taing dhaibh, a cheann chùm e suas;
Nuair shaoil iad bhith buadhach, 's ann fhuair iad fàth bròin;
Feuch! a' cinn thar an uaighean an Cluaran gun leòn.

Mo bheannachd gu bràth air! Cò 'n Gàidheal no 'n Gall
Nach seasadh gu bàs e, ga theàrnadh o chall!
Cò, ìosal no uasal, bheir cluas do mo dhàn
Nach òladh leam 'Buaidh Leis' o chuachannan làn!

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.