Fios Chun a' Bhàird

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacDhùnlèibhe agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa agus Anna Nic na Ceàrdaich.

This is a song written by: Uilleam MacDhùnlèibhe and sung by: Anna Latharna NicGillìosa and Anna Nic na Ceàrdaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha a' mhadainn soilleir grianach
'S a' ghaoth 'n iar a' ruith gu rèidh;
Tha an linne sleamhainn sìochail
On a chiùinich strì nan speur;
Tha an long na h-èideadh sgiamhach,
'S cha chuir sgìos i dh'iarraidh tàmh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
A' toirt an fhios seo chun a' Bhàird.

Seo crùnadh mais' a' mhìos
San tèid don dìthreabh treudan bhò,
Do ghlinn nan lagan uaigneach
Anns nach cuir 's nach buainear pòr,
Leab-innse buar nan geum -
Cha robh mo roinn diubh 'n-dè le càch;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Tha mìltean sprèidh air faichean,
'S caoraich gheal' air creachain fhraoich,
'S na fèidh air stùcan fàsail,
Far nach truaillear làr na gaoith;
An sìolach fiadhaich neartmhor
Fliuch le dealt na h-oiteig thlàith;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Tha an còmhnard 's coirean garbhlaich,
Còrs na fairg' 's gach gràinseach rèidh,
Le buaidhean blàths na h-iarmailt
Mar a dh'iarramaid gu lèir;
Tha 'n t-seamair fhiadhain 's neòinean
Air na lòintean feòir fo bhlàth;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Na caochain fhìor-uisg' luath
A' tighinn a-nuas o chùl nam màm
Bho lochain ghlan' gun ruadhan
Air na cruachan fad' on tràigh;
Far an òl am fiadh a phailteas,
'S bòidheach ealtan lach gan snàmh;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Tha bogha mòr an t-sàile
Mar a bha le reachd bithbhuan,
Am mòrachd maise nàdair
'S a cheann-àrd ri tuinn a' chuain -
A rìomball geal seachd mìle,
Gainmhean sìobt' o bheul an làin;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Na dùilean, stèidh na cruitheachd,
Blàths is sruthan 's anail neul,
Ag altram lusan ùrail
Air an laigh an driùchd gu sèimh,
Nuair a thuiteas sgàil na h-oidhche
Mar gum b' ann a' caoidh na bha;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Ged a roinneas gathan grèine
Tlus nan speur ri blàth nan lòn,
'S ged a chìthear sprèidh air àirigh,
Is buailtean làn de dh' àlach bhò,
Tha Ile 'n-diugh gun daoine,
Chuir a' chaor' a bailtean fàs;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Ged thig ànrach aineoil
Gus a' chaladh 's e sa cheò,
Chan fhaic e soills' on chagailt
Air a' chladach seo nas mò;
Chuir gamhlas Ghall air fuadach
Na tha bhuainn 's nach till gu bràth;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Ged a thogar feachd na h-Alb',
As cliùiteach ainm air faich' an àir,
Bithidh bratach fhraoich nan Ileach
Gun dol sìos ga dìon le càch;
Sgap mìorun iad thar fairge,
'S gun ach ainmhidhean balbh nan àit';
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Tha taighean seilbh na dh'fhàg sinn
Feadh an fhuinn nan càrnan fuar;
Dh'fhalbh 's cha till na Gàidheil;
Stad an t-àiteach, cur is buain;
Tha stèidh nan làrach tiamhaidh
A' toirt fianais air 's ag ràdh,
"Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird".

Cha chluinnear luinneag òighean,
Sèist nan òran air a' chlèith,
'S chan fhaicear seòid mar b' àbhaist
A' cur bàir air faiche rèidh;
Thug ainneart fògraidh uainn iad;
'S leis na coimhich buaidh mar 's àill;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Biodh am fios seo aig a' Bhàird.

Chan fhaigh an dèirceach fasgadh
No 'm fear-astair fois o sgìos,
No soisgeulach luchd-èisdeachd;
Bhuadhaich eucoir, Goill is cìs;
Tha an nathair bhreac 'na lùban
Air na h-ùrlair far an d'fhàs
Na fir mhòr' a chunnaic mise;
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Lomadh ceàrn na h-Oa,
An Lanndaidh bhòidheach 's Roinn MhicAoidh;
Tha 'n Learga ghlacach ghrianach
'S fuidheall cianail air a taobh;
Tha an Gleann 'na fhiadhair uaine
Aig luchd-fuath gun tuath, gun bhàrr;
Mar a fhuair 's a chunnaic mise,
Thoir am fios seo chun a' Bhàird.

Seinneadairean / Performers

Anna Nic na Ceàrdaich

Anna Nic na Ceàrdaich

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do Bharraigh. Bha i a' cosnadh dhuaisean aig Mòdan bho bha ...

Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na Ceàrdaich
Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Oll. Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.