Fhir a Dh'ith am Bonnach Mòr / Tha Toll air a' Bhàta Mhòr

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir àrd-sgoil mhicNeacail.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir àrd-sgoil mhicNeacail.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fhir a dh'ith am bonnach mòr
chunna mise e 's cha bu bheag e.
Fhir a dh'ith am bonnach mòr
's an ceathramh cuid den annlan.

Ma bha 's gu robh tuilleadh ann,
uiread 's peice mine ann.
'S i bean a' mhuinntir Mhinginnis
a dh'fhuin gu tioram teann e.

Feumaidh gu robh an t-acras ort,
dh'ith thu còrr is cairteal dheth,
is shàsaich e car tacain thu
is chaidil thu gu srannrach.

Sèist / Chorus

Tha toll air a' bhàta mhòr, tha toll air a' bhirlinn
Tha toll air a' bhàta mhòr, 's cha chàraich na saoir i.

Tha aon oirre, tha dhà oirre, tha dhà oirre, tha trì oirre
Tha ceithir oirre, tha còig oirre 's cha mhòr nach eil naoi oirre.

Mur dèan saor a càradh ni an ceàrd dhomh le staoin e
Is dubhaidh mi le teàrr i 's cha dèan clàr dhi eu-dìon.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.