Feasgar Agus Ceò Ann

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) agus air a sheinn le: catrìona nicÌomhair agus Ceitidh Anna NicLeòid.

This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) and sung by: catrìona nicÌomhair and Ceitidh Anna NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Feasgar agus ceò ann 's mi Steòrnabhagh nan sràid
Bha iad de gach seòrs' ann, is mòran de luchd ceàird
Chan fhaca mi nas bòidhch' ann, na luchd a' chòmhdaich bhlàth
A' bhriogais ghorm 's a' bhòtann, 's am peitean mòr gu h-àrd.

'S ann an Eilean Leòdhais a tha na seòid as fheàrr
Gu tarraing air na ròpan 's gu 'seatadh' nan seòl àrd
Gu treabhadh nan cuan uaine 's gu cumail cruaidh am bàt'
'S cha toir na Gallaich buaidh orr' gun tèid an cuan na thràigh.

Bha mi ann an Alba 's dh'fhalbh mi air gach taobh;
Bha mi ann an Sasainn, am measg nam fasan ùr,
Ràinig mi Ameireagaidh, far bheil a' choille dlùth
Is bheirinn cruinneag bhòidheach, à Leòdhas bheag mo ghaoil.

Ma bhios cùisean còrdaicht, 's gun tèid na dòighean leinn
Bidh seasamhan pòsaidh ann, 's bidh 'n òigridh againn cruinn;
Bidh cuid a' gabhail òrain ann, 's 'melodian' ga sheinn -
Fasan muinntir Leòdhais sna sabhlaichean a' danns'.

Tha fasan ac' an-còmhnaidh an Leòdhas bheag mo mhiann
Bhith ri buain na mònach nuair bhios an treabhadh dèant'
A' cur a' chruidh gu mòintich, 's a' còmhnaidh air an t-sliabh
Gam buachailleachd sna leòidean, 's gam bleoghan leis an fhiar.

Seinneadairean / Performers

Ceitidh Anna NicLeòid

Rugadh Ceitidh Anna NicGilleathain, Ceitidh Anna Chailein Aonghais Iain à 17 Ceann a Deas Bhràgair air 18 Ògmhios, 1913. Phòs i fear a bha a' ...

Fiosrachadh air Ceitidh Anna NicLeòid / Learn more about Ceitidh Anna NicLeòid

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.