Feasgair Luain

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Ros agus air a sheinn le: na sradagan agus Tormod MacArtair.

This is a song written by: Uilleam Ros and sung by: na sradagan and Tormod MacArtair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Feasgar Luain is mi air chuairt,
Gun cualas fuaim nach b' fhuathach leam:
Ceòl nan teud gu h-òrdail rèidh
Is còisir da rèir os a chionn;
Thuit mi 'n caochladh leis an iongnadh
Dh'aisig mo smaointean a-null,
'S chuir mi 'n cèill gun imichinn cèin
Lem aigne fhèin 's e co-streup rium.

Chaidh mi steach an ceann na còisridh
An robh òl is ceòl is danns,
Rìbhinnean is fleasgaich òga
'S iad an òrdugh grinn gun mheang;
Dhearcas fa leth air na h-òighean
Le rosg fòil a-null 's a-nall;
'S ghlacadh mo chridhe 's mo shùil còmhla,
'S rinn an gaol mo leòn air ball.

Dhiùc mar aingeal ma mo choinneimh
'N ainnir òg bu ghlaine snuadh;
Seang-shlios fallain air bhlàth canaich,
No mar an eal' air a' chuan;
Sùil ghorm, mheallach, fo chaol-mhala
'S caoin a sheallas 'g amharc uath',
Beul tlàth, tairis, gun ghnè smalain
Dhan gnàth carthannachd gun uaill.

Mar ghath grèin' am madainn Chèitein,
Gun mheath i mo lèirsinn shùl,
'S i ceumadh ùrlair, gu rèidh iompaidh,
Do rèir pungannan a' chiùil:
Rìbhinn mhodhail, 's fìorghlan foghlam
Dh'fhìon-fhùil mhòrdhalach mo rùin;
Reul nan òighean, grian gach còisridh,
'S i 'n chiall chòmhraidh, cheòl-bhinn, chiùin.

'S tearc an sgeula sunnailt d' eugaisg
Bhith ri fheatainn san Roinn-Eòrp',
Tha mais' is fèile, tlachd is ceutaidh
Nach facas leam fèin fa m' chòir;
Gach cliù a' fàs riut am mùirn 's an àillteachd,
An sùgradh, 's am mànran beòil;
'S gach buaidh a b' àillidh bh'air Diàna
Gu lèir mar fhàgail, tha aig Mòr.

'S bachlach, dualach, cas-bhuidh', cuachach
Càradh suaineas gruaig do chinn,
Gu h-àlainn, bòidheach, fàinneach, òrbhuidh'
An caraibh seòighn 's an òrdugh grinn;
Gun chron a' fàs riut, a dh'fhaodt' àireamh
Bho do bhàrr gu sàil do bhuinn;
Dhiùchd na buadhan, òigh, mun cuairt dhut
'S gu meudaichainn d' uaill gach puing.

Bu leigheas eucail, slàn on eug
Do dh'fhear a dh'fheudadh bhith ma d' chòir,
B' fheàrr nan cadal bhith nad fhagaisg,
'G èisteachd agallaidh do bheòil;
Cha robh Bhenus am measg leugaibh
Dh'aindeoin feucantachd cho bòidh'ch,
Ri Mòr, nigh'n mhìn, a leòn mo chrìdh,
Le buaidhean, 's mi ga dìth rim bheò.

'S glan an fhìon-fhuil as na fhriamhaich
Thu, gun fhiaradh, mhiar, no mheang;
Cinneadh mòrdhalach, bu chròdha,
Tional cò'ladh chò-strì lann,
Bhuineadh cùis a bhàrr nan Dubh-Ghall,
Sgiùrsadh iad gun dùthchas thall,
Leanadh ruaig air Cataich fhuara,
'S a' toirt buaidh orr' anns gach ball.

Tha cabar-fèidh an dlùth 's do rèir dhut
Nach biodh èisleineach san t-strì,
Fir nach obadh leis gan togail
Dol a chogadh 'n aghaidh Rìgh;
Bu cholgail, faiceant' an stoirm feachdaidh,
Armach, breacanach, air tì
Dol san iomairt gun bhonn gioraig,
'S iad a' tilleadh chaoidh fo chìs.

'S trom leam m' osnadh, 's cruaidh leam m' fhortan
Gun ghleus socair, 's mi gun sunnd,
'S mi ri smaointean air an aon rùn
A bhuin mo ghaol gun ghaol da chionn.
Throm na Dùilean peanas dùbailt,
Gu mis' ùmhlachadh air ball,
Thàladh Cupid mi san dùsal
As na dhùisg mi brùite, fann.

Beir soraidh bhuam don rìbhinn shuairc
Dhen chinneadh mhòr as uaisle gnàths:
Thoir mo dhùrachd-sa ga h-ionnsaigh,
'S mi 'n deagh rùn da cùl bhuidh' bàn,
'S nach bruadar cadail a ghluais m' aigne,
'S truagh nach aidich e dhomh tàmh,
'S ge b' ann air chuairt, no thall an cuan,
Gum bi mi smuainteach' ort gu bràth.

Seinneadairean / Performers

Tormod MacArtair

Tormod MacArtair

Rugadh Tormod MacArtair ann an Inbhir Nis air 11 Faoilleach, 1972, mac Dhòmhnaill Thormoid Dhòmhnaill Mhòir à Borghastan, ann an Càrlabhagh, Leòdhas. 'S ann às ...

Fiosrachadh air Tormod MacArtair / Learn more about Tormod MacArtair

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.