Fail il ì ho rò mo Chailin

Òran air a sgrìobhadh le: Ruairidh MacCoinnich agus air a sheinn le: dòmhnall iain macLeòid, Freddie MacCoinnich agus Uilleam Iain MacAmhlaigh.

This is a song written by: Ruairidh MacCoinnich and sung by: dòmhnall iain macLeòid, Freddie MacCoinnich and Uilleam Iain MacAmhlaigh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Fail il ì ho rò mo chailin,
Fail il ì ho rò mo ghaol,
Fail il ì ho rò mo chuachag,
Chan eil bhuam thu ach an caol.

Fada bhuam a chì mi 'n Cliseam,
Monadh far an robh mi sealg,
Far an robh mi òg nam bhalach,
Tha e 'n-diugh car fad air falbh.

Nam biodh am muir cho cruaidh 's gu seasainn,
Air a thonnan dhèanainn falbh,
'S chuirinn m' aghaidh air na Hearadh,
'S cha thillinn ri uisg' no stoirm.

Nam biodh Bùird Mhicleòid Dhùn Bheagain,
'S ceò na maidne dhiubh air falbh,
Gheibhinn sealladh air do bheannaibh,
Gu ruig mi thu, tha fadachd orm.

Tha mise seo air cùl cnoc eile,
'S o gu bheil nis' mulad orm,
On chuala mi gu bheil fear eile,
Tòir na tè thug dhomhsa dealbh.

Chan fhaigh thu bhuamsa litir tuilleadh,
Freagairt airson gin a dh'fhalbh,
Cha tig aon dhiubh air mo shloinneadh,
No tè a thoilleas orra m'ainm.

Fail il ì ho rò mo chailin,
Fail il ì ho rò mo ghaol,
Fail il ì ho rò mo chuachag,
Chan eil bhuam thu ach an caol.

Seinneadairean / Performers

Uilleam Iain MacAmhlaigh

‘S ann à Greòsabhagh, na Hearadh, a bha Uilleam Iain MacAmhlaigh. Bha cuideachd athar, Ruaraidh MacAmhlaigh, Ruaraidh Lachlainn Ruaraidh, à Beàrnaraigh Ùig, agus ...

Fiosrachadh air Uilleam Iain MacAmhlaigh / Learn more about Uilleam Iain MacAmhlaigh
Freddie MacCoinnich

Freddie MacCoinnich

Rugadh Freddie MacCoinnich, Freddie Ciorstag Freddie, san t-Òb sna na Hearadh ann an 1946. Bha a mhàthair, Ciorstag Freddie Dhòmhnaill Mhòir càirdeach don bhàrd ainmeil, ...

Fiosrachadh air Freddie MacCoinnich / Learn more about Freddie MacCoinnich

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.