Faigh Flùraichean Bòidheach

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri E. Walsh agus air a sheinn le: Còisir Eaglais Naomh Bàrr.

This is a song written by: Màiri E. Walsh and sung by: Còisir Eaglais Naomh Bàrr.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O crùnaidh sinn Moire le flùran àigh
Bànrighinn nan Ainglean, 's i Bànrighinn a' Mhàigh.
O crùnaidh sinn Moire le flùran àigh
Bànrighinn nan Ainglean, 's i Bànrighinn a' Mhàigh.

Faigh flùraichean bòidheach, faigh dìthein is neòinean
Bho ghàrradh is doire, bho linne gu beinn;
Ar cridhe làn sòlais, ar guthan cho ceòlmhor,
Seinn moladh is glòir do fhlùr àlainn nan gràs.

'S e Bhaintighearna is ainm dhut, a Bhana-mhaighstir dhealbhach
O deònaich do chlann bhith dhut dìleas gu brath;
Fhad 's a chinneas an talamh le flùran geal fallain,
Fhad 's a chumas an t-adhar a dhathan gu h-àrd.

Seinnibh daonnan an còisir, na h-Ainglean geal co' ribh
Ag aiseag ar laoidhean gu Flathanas Dhè;
Tha 'n clarsaichean innidh le fàilte ga mireag
'S e Moire ar màthair ceann-fàth ar cuid aoibh.

Tha ar guthan ag èiridh, co-fhreagairt a chèile
Toirt onair is glòir dhut, a Mhàthair Mhic Dhè;
Mar sin nì mi dhearbhadh dhut an gaol nach dèan seargadh
'S cho dorcha 's tha bheatha, a Mhoire, gun thu.

Seinneadairean / Performers

Còisir Eaglais Naomh Bàrr

Bha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. Ron sin, bha aig ...

Fiosrachadh air Còisir Eaglais Naomh Bàrr / Learn more about Còisir Eaglais Naomh Bàrr

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.