Fàgail Lios Mòr

Òran air a sgrìobhadh le: Èideard Pursell (Ìomhair Mac Sporain) agus air a sheinn le: donnchadh macIllEathain, còisir àrd-sgoil an òbain agus Dòmhnall MacLeòid.

This is a song written by: Èideard Pursell (Ìomhair Mac Sporain) and sung by: donnchadh macIllEathain, còisir àrd-sgoil an òbain and Dòmhnall MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Deòir air mo shùil chaidh m' aighear air chùl,
Iùbhrach air ghleus gam ghiùlan thar sàil,
On tha mi gad fhàgail, eilean mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's àgh.

Sèist / Chorus

Muile nam fuar bheann, Mòrbhairn' an àigh,
Apainn na grèine 's Latharn' mo ghràidh,
'S an t-eilean beag uain' an caidreabh a' chuain,
Eilean dan tug mi bàidh.

Cadal no dùsgadh cluinnidh mi uam
A' bhanarach òg ri luinneig mun chrò,
'S an ùr-mhadainn Chèit 's an smeòrach air geug
A' gleusadh a pìob gu ceòl.

Sìoda is sròl chan iarrainn rim dheòin,
No seudan is stòr no leabaidh chlòimh àrd,
B' e m' aighearachd bhuan an àirigh bheag uain'
Is cadal gu suain air làr.

Soraidh le coilltean, soraidh le tràigh,
Is soraidh le àilleachd, soraidh le bàigh,
On tha mi gad fhàgail, eilean mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's àgh.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall MacLeòid

'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.