Fàgail Bhòrnais

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall 'Ruadh' Dòmhnallach agus air a sheinn le: Iain Moireasdan.

This is a song written by: Dòmhnall 'Ruadh' Dòmhnallach and sung by: Iain Moireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur mi bha gòrach a' fàgail Bhòrnais,
An t-àite as bòidhche tha an-diugh fon ghrèin,
Ged tha clach ri faotainn is geugan fraoich
Tha talamh maoth ann is e farsaing rèidh.
A' chruit is brèagha air an deàlraich grian
Is Loch an Iasgair 's e shìos fo ceann,
Am breac cho lìonmhor dol dhan lìon
'S gach gnè de eunlaith mu a chladach thall.

Gur ann Didòmhnaich a dh'fhàg mi Bòrnais,
Bha m' inntinn brònach 's mi sileadh dheur,
Mi fhìn 's mo phàistean cur cùl rir n-fhàrdaich
Far am faighte tàmh agus cadal rèidh.
'S ann tha mi 'n-dràsta aig iomall fàsaich,
'S tha m' inntinn cràiteach 's cha dèan e feum.
Gur bochd an saoghal mar nì e caochladh
'S a tha mise nam aonar an seo leam fhìn.

Gur tric mi smaoineachadh air na caoraich
Air na maolaidhean dh'fhàg mi thall,
Aig Cnoc na Fèilleadh bidh iad nan treudan
'S an cìobair gleusta gan cumail ann,
'S iad fhèin 's na h-ògain dol suas gu Bòrnais,
B' e 'n sealladh bòidheach e aig an àm.
'S aig àm an rùsgaidh bidh airm gan tionndadh
'S a' chlòimh na dùnan air gach taobh den fhang.

Gur sinn bhiodh sunndach aig àm bliadhn' ùire
A' dèanamh sùgradh leis na gillean òga,
Mi fhìn 's mo chàirdean gu cridheil, bàidheil
Ag òl deoch-slàinteachan dhaoine còir.
San eilean uasal gun teas gun fhuachd ann
Ach gaoth a tuath nach dèan coire mhòr
Gun caidlinn suaineach an lagan luachrach
Gus an dùisginn suas anns a' mhadainn òig.

An àm bhith 'g èirigh sa mhadainn Chèitein
Bidh ceò air slèibhtean 's air bhàrr nam beann;
Bidh ciorrach mìn anns na glinn as ìsle
Is dealta mhìn a' toirt a-mach an fheòir.
Bidh crodh air cruaichean nam beanntan uasal
Gun sileadh fuar na gun reothadh mòr,
Gus an tig am buachaille bhios gan uallach
'S gun tog e suas iad ri bonn a' cheò.

Chan ionnan àite sa bheil mi 'n-dràsta
Bidh an teas gam chnàmh fhad 's bhios mi beò.
Bidh am fuachd gam chiùrradh an àm na Dùbhlachd
Le clogaid dhùbailt mar bhian a' ròin.
Cha tèid mi air chèilidh, cha dèan e feum,
Ach 's fheudar gèilltinn an seo rim bheò,
Mi dol bhom smaointinn 's an doras dùinte,
'S nach faigh mi null far bheil Dòmhnall Mòr.

Seinneadairean / Performers

Iain Moireasdan

Iain Moireasdan

'S ann à Cill Pheadar an Uibhist a Deas a bha na daoine aig Iain Moireasdan, Iain Mhic Iain Bhàin. Bha Iain agus a bhean Annag ...

Fiosrachadh air Iain Moireasdan / Learn more about Iain Moireasdan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.