El Alamein

Òran air a sgrìobhadh le: calum macLeòid (Calum Cuddy) agus air a sheinn le: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

This is a song written by: calum macLeòid (Calum Cuddy) and sung by: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'S e nochd oidhche bhatail mhòir,
'S tha gach aon againn air dòigh,
Le rifle 's biodag thruis nar dòrn
Air bruaichean ciùin El Alamein.

Tha 'n t-anmoch nis ri tarraing dlùth,
Tha ghealach togail ceann sna neòil,
'S tha balaich chalma ri cur cùrs
Gu tulaich àrd El Alamein.

'S beag mo chàil bhith 'n seo an-dràst';
'S mòr gum b' àill leam a bhith tàmh
An Eilean Leòdhais le mo ghràdh
Fo sgàil Fir Bhrèige Chalanais.

Ach siud am Fifty-first an-sàs,
Seòid na b' fheàrr cha deach gu blàr,
Na Sìophorts, 's Camshronaich 's Earra-Ghàidheal
Cur smùid ast' len cuid bhiodagan.

Tha nise seachdain agus còrr
Bho chuir mi na rainn-s' air dòigh,
Tha Rommel le chuid Afric Corp
Air ruaig air falbh bho Alamein.

Is cha robh buaidh bha siud gun phrìs,
Phàigh sinn air le fuil ar cridh';
Tha sinn fàgail mìltean sìnt'
San uaigh an ùir El Alamein.

Chan eil an seo ach dùthaich thruagh,
Chan eil deoch innte no biadh;
Bully Beef is briosgaid chruaidh,
'S e siud am biadh tha againne.

Bu shuarach leam bhith greis gun bhiadh,
Greis gun thàmh 's greis gun dìon,
Ach tart ro mhòr thug bhuam mo chiall
'S a dh'fhàg mi 'n-diugh ri fannachadh.

Is ged tha teas na fàsaich mhòir
Ga mo phianadh 's ga mo leòn,
Nam faighinn-s' innte làn mo bheòil
De dh'uisge fuar cha ghearaininn.

Nan robh agam an seo an-dràst'
Cothrom air an Tobair Bhàin
Chan fhàgainn i gum biodh i tràight'
Ged bhiodh innt' na galanan.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.