Èisg Bhig

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: magnus greumach.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: magnus greumach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Èisg bhig, èisg bhig,
nach tu tha math air snàmh.

Gu dearbha feumaidh mise sin
oir bidh mi snàmh gu bràth.

Èisg bhig, èisg bhig,
am fairich thusa fuachd?

Chan fhairich idir, 'ille chòir,
ged tha mi measg nan stuadh.

Èisg bhig, èisg bhig,
a bheil thu idir sgìth?

O chan eil, chan eil, chan eil,
cha toigh leam bhith air tìr.

Èisg bhig, èisg bhig,
a leig thu idir d' anail?

Is math a dh'fhaodas mise sin
a-staigh am measg an fheamainn.

Èisg bhig, èisg bhig,
dè dh'ith thu an-diugh?

Lugaichean is boiteagan,
is smodal anns an t-sruth.

Èisg bhig, èisg bhig,
càite bheil do dhachaigh?

Tha mo dhachaigh anns a' chuan
mìle mach on chladach.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.