Èiridh Bileag Ùr-ghorm

Òran air a sgrìobhadh le: J. M. C. Crum agus air a sheinn le: còisir a' bhàgh a tuath agus Màiri C. NicNèill.

This is a song written by: J. M. C. Crum and sung by: còisir a' bhàgh a tuath and Màiri C. NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Eiridh bileag ùr-ghorm
Às a' ghràinne sìl
Bha san talamh dhorcha
Iomadh latha sìnt';
Gràdh air tighinn beò
Is beath' air tighinn à bàs
Gràdh air tighinn beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Chàraich iad don uaigh
Fear gràidh a fhuair am bàs;
Smaoinich iad nach gluaiseadh
E gu sìorraidh bràth;
Anns an talamh dùint'
Mar shìol ùr a' fàs,
Thàinig Esan beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Air bhith dhà trì latha
Càraichte san ùir,
Dh'èirich E Là Càisge
Mar a' bhileag ùr;
Slànaighear beò
Thug buaidh air a' bhàs,
Gràdh air tighinn beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Nuair bhios cridhe brùit'
An Dùbhlachd dubh ar cràidh
Fosglaidh Tu ar sùil
Ri Earrach ùr air fàir';
Achaidhean ar crìdh'
Bha riamh nan talamh bàn
Gràdh gan toirt beò
Mar fhochann òg a' fàs.

Seinneadairean / Performers

Màiri C. NicNèill

Màiri C. NicNèill

Buinidh Màiri C. NicNèill don Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. An dèidh an sgoil fhàgail chaidh i gu Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. ...

Fiosrachadh air Màiri C. NicNèill / Learn more about Màiri C. NicNèill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.