Eilean Sgitheanach nam Buadh

Òran air a sgrìobhadh le: tormod dòmhnallach agus air a sheinn le: coinneach caimbeul, daibhidh boag agus dòmhnall a. macFhionghain.

This is a song written by: tormod dòmhnallach and sung by: coinneach caimbeul, daibhidh boag and dòmhnall a. macFhionghain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Thoir mo shoraidh dhan taobh tuath
Eilean Sgithanach nam buadh
'N t-eilean sin dan tug mi luaidh
Àit' is bòidhche fo na neòil
Thoir mo shoraidh dhan taobh tuath.

Ann an toiseach a' mhìos Mhàirt
Dh'fhàg mi eilean gorm mo ghràidh
Sneachd na thorran air an làr
Dh'fhàg siud mo mhàthair fo leòn

Anns a' mhadainn mhoch Diluain
Bha i ceudan mìl' bho Chluaidh
Fhuair na balaich na bha uath'
Farsaingeachd a' chuain fo sròin

B'fheàrr leam fhìn na mìle crùn
Mi bhith nochd air tìr san Dùn
Mi gun coisicheadh le sùnnd
Rathad ùr aig clann MhicLeòid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.