Eilean Scalpaigh na Hearadh

Òran air a sgrìobhadh le: Seonaidh Moireasdan (Seonaidh Fhionnlaigh 'an 'ic Alasdair) agus air a sheinn le: Aonghas MacLeòid.

This is a song written by: Seonaidh Moireasdan (Seonaidh Fhionnlaigh 'an 'ic Alasdair) and sung by: Aonghas MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Eilean Scalpaigh na Hearadh,
Eilean maiseach mo ghràidh,
Eilean torrach nan gleannaibh,
Nam bealach 's nan càrn;
Far an robh mi o m' òige
Air bheag eòlais no càs
Falbh nan cluaineagan bòidheach
Tha mu Òb Cheann a' Bhàigh.

Rubha Glas a tha bòidheach
Thogadh òg ann mi suas;
Siud mo rogha àite-còmhnaidh
'M fianais mòr-thonn a' chuain,
'G èisteachd alltan a' bhearraidh
Ruith na dheannaibh a-nuas,
'S an àm èirigh is laighe
Ceòl na mara nam chluais.

Tìr nan òganan gasta
Tìr nan gaisgeach s nan sàr,
Tìr nam maraichean tapaidh –
Càit' am facas na b'fheàrr?
Tìr nan òighean tha maiseach,
Cliùiteach, faic'lleach nan gnàths –
Ann an grinneas s an dealbhachd
Fhuair iad ainm anns gach àit'.

Meall Chaileaboist tha sgiamhach,
Àite feuraich gach sprèidh -
Siud an sealladh as brèagha
Tha fo iarmailt nan speur,
Faicinn uain air gach bealach
Aotrom, ealant' a' leum
'S eòin an t-slèibh' 's iad ri caithream
Air gach bearradh is gèig.

Na chaidh seachad a linntean
Sheall iad dìlseachd gu bàs;
Thug iad fàthachd don an Rìgh ann,
'S airgead-cinn air bha àrd –
'M Prionnsa Teàrlach , an t-uasal
Rinn e suaimhneach ann tàmh,
'S cha robh neach ann thug suas e,
Ged bha ruaig air s gach àit'.

Soraidh slàn leis an eilean,
Eilean maiseach an fhraoich,
Eilean suairce na Gàidhlig
Far an do dh' àraicht' na laoich;
Gu ma slàn leis gach càrnan,
Gach tràigh agus caol -
Siud mo dhùrachd 's mo bheannachd
Do Eilean Scalpaigh mo ghaoil.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha a' bhàrdachd aig Seonaidh Fhionnlaigh ri fhaighinn san leabhar Tiugainn do Scalpaigh, air fhoillseachadh an 1999 le Bill Lawson Publications, An Taobh Tuath, Na Hearadh.

Seinneadairean / Performers

Aonghas MacLeòid

Aonghas MacLeòid

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...

Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòid

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.