Eilean mo Ghaoil

Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall dòmhnallach (Bàrd Bharabhais) agus air a sheinn le: innis macLeòid, innis macLeòid agus Iseabail NicAsgaill.

This is a song written by: dòmhnall dòmhnallach (Bàrd Bharabhais) and sung by: innis macLeòid, innis macLeòid and Iseabail NicAsgaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu bràth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
'S toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blàr,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach eun th' air sgiath an eilean mo ghràidh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach latha.
Bidh smeòrach nan geug 's i fhèin a' seinn air a gràdh,
Do eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha ghealach 's a' ghrian ag iadhadh eilean mo ghràidh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Seinneadairean / The Performers

Iseabail NicAsgaill

Iseabail NicAsgaill

'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig ...

Fiosrachadh air Iseabail NicAsgaill / Learn more about Iseabail NicAsgaill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.