Eilean mo Chridh'

Òran air a sgrìobhadh le: iain aonghas macLeòid agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

This is a song written by: iain aonghas macLeòid and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hì o hò ro eilean mo chridhe
Brìgh mo bhàrdachd, eilean as àille,
Tìr mo ghaoil an taobh a' Chuain Sgìth
'S tric nam smuaintean d' fhuar-bheann àrda.

Eilean mo bhreith is m' àraich,
Àilleagan uain' a' chuain,
Chluinn mi do ghùth gam thàladh
Dùsgadh no 'n cadal suain.

Eilean do-aithris bhòidhchead,
Cò chuireadh ortsa cùl?
Cò ach am bàrd le òrain
B' airidh bhith seinn do chliù.

'S toigh leam gach sgeulachd dhàna,
Eachdraidh nan sonn bha uair
Sealbhachadh d' fhearann fàsmhor,
Làithean tha 'n-diugh fad' uainn.

Seinnibh gu deas 's gu sunndach,
Togaibh an dàn seo rìs;
Fhad 's a bhios meas an dùthchas
'N t-Eilean bidh blàth nar cridh'.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.