Eilean M' Àraich

Òran air a sgrìobhadh le: a. ceanadach agus air a sheinn le: Màiri NicAonghais.

This is a song written by: a. ceanadach and sung by: Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ghiùlain mi le beannachd bhuamsa
Null gu eilean uain' a' chaoil
Far an tric an toir mo bhuadair
Mi air chuairt thar chluaintean gaoil.

Sèist / Chorus

Eilean m' altraim, eilean àghmhor,
Eilean àlainn san Chuan Sgìth
Tha ghaoth bhog a thig thar sàile bhuat
Mar thùis-slànachaidh dom chridh.

Tha gach smuain a' toirt dhomh sòlais
Ach an cois an t-sòlais gràidh
Tha gach bruadar dol gu bruaillean
Gus an cluinn mi null do dh'fhad.

Tha luchd gaoil an sin gam fheitheamh
Tha mo dhaoine fhèin cur fàilt
Tha mo chridh 's mo mhiann gam tharraing
Null, air ais, gu m' eilein gràidh.

Far am bheil do shrùthain fhinealt
Troimh do ghlinn a' ruith gu cuan
Far a bheil do bheanntan àrda
Tairgsinn sgàil bho threas 's bho fhùachd.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.