Eilean Leòdhais, Tìr nan Gaisgeach

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair M. MacNeacail (Billy an Fhiosaich) agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, còisir ghàidhlig steòrnabhaigh agus còisir ghàidhlig thung.

This is a song written by: Alasdair M. MacNeacail (Billy an Fhiosaich) and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, còisir ghàidhlig steòrnabhaigh and còisir ghàidhlig thung.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

'N tèid thu leam, a rìbhinn mhaiseach,
'N tèid thu leam, a rìbhinn òg?
'N tèid thu leam, a rìbhinn uasal
Null air chuairt a dh'Eilean Leòdhais?

Eilean Leòdhais, tìr nan gaisgeach,
Tìr nan lasgar is nan sàr,
Càite am facas riamh no 'n cualas
Laoich air chuan thug orra bàrr?

Chì thu 'n t-àite san deach m' àrach
Mun do dh'fhàs mi gu bhith mòr,
Canaidh tu gur baile brèagha
Lionail, ann an Eilean Leòdhais.

Chì thu m' athair ann 's mo mhàthar,
Mo bhràithrean 's mo phiuthar òg,
'S gheibh thu iadsan tha dhomh càirdeach,
Crìdheil bàidheil, mar bu chòir.

Chì thu ann gach nì mar shaoilear,
'S le mo dhùrachd siud mar bha;
O, ma thèid thu leam a chaoidh ann,
Gheibh thu caoibhneas agus blàths.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.